Main content
Sorry, this episode is not currently available

28/08/2015

An-diugh a-rithist blas air na tha a' dol aig Fèis Dhùn Èideann agus aig iomall na Fèis. A taste of what is on at the Edinburgh Festival and Festival Fringe.

An-diugh a-rithist blas air na tha a' dol aig Fèis Dhùn Èideann.

Tha Ceit Anna Nicleòid a' toirt beachd air an fheadhainn a bha an lùib Best of the Fest am bliadhna. Cluinnidh sinn mun fheadhainn a b' èibhinne agus 's dòcha na feadhainn nach tug mòran gàire air daoine.

Chaidh Alex Salmean a choimhead Janis Joplin: The Full Tilt a chaidh a sgrìobhadh le Peter Arnott agus a stiùireadh le Cora Bissett. Bha Janis Joplin fada an aghaidh an dòigh beatha ann an Texas anns na leth cheudan far an deach a togail agus bha i tric ag aramach an aghaidh a' ghràin-cinnidh agus an gnèithachais a bha cumanta aig an àm. Ach bha i cuideachd a' sireadh gaol na beatha ach gu mi-fhortunnach cha do lorg i riamh e. Agus bha bròn mòr ga buaireadh a dh'adhbharaich, chan e a mhàin an obair a b'fheàrr a chruthaich i riamh, ach a chuir an rathad deoch, drugaichean agus bàs aonranach i ann an seòmar taigh-òsta 's gun i ach seachd thar fhichead bliadhna a dh'aois. Cluinnidh sinn beachd Alex air Janis Joplin: The Full Tilt agus a bheil e cho cumhachdach 'sa tha lèirmheasan eile ag innse dhuinn.

Agus cluinnidh sinn mar a chòrd an cleasaiche èibhinn Rob Beckett ri Catriona Gibb. Tha cuid a dèanamh coimeas eadar Rob Beckett agus Ken Dodd. Cluinnidh sinn bho Chatriona dè cho fìor 'sa tha sin nach beachd fhèin agus gu dearbha an tug e gàire gu h-aodann.

'S mu dheireadh tha Coinneach Mac a' Ghobhainn air a bhith mun bhaile a' faighinn blas air iomall na Fèis, na tha a' dol anns na taighean-deilbh agus fiù air na sràidean. bbc.co.uk/feasgar.

1 hour, 27 minutes

Last on

Fri 28 Aug 2015 12:33

Broadcast

  • Fri 28 Aug 2015 12:33