Main content
Sorry, this episode is not currently available

'S e aoigh na seachdain-sa Murchadh Aonghas Mac 'illeathain às na Hearadh, a tha fuireachd ann an Dùn Èideann. With guest Murdo Angus Maclean from the Isle of Harris.

Dà uair a thìde de cheòl air leth agus còmhradh inntinneach còmhla ri Iain Mac 'ille Mhìcheil, beò à stiùdio a' BhBC ann an Glaschu. Na chuideachd an t-seachdain-sa, bidh Murchadh Aonghas Mac 'illeathainn, a tha fuireachd ann an Dùn Èideann. 'S ann às na Hearadh a tha Murchadh Aonghas bho thùs. Tha e 'g obair do chompanaidh chlòimhe coimearsalta a tha stèidhichte faisg air a' Chaisteal anns an t-seann bhaile, Dhùn Èidinn. Bha Murchadh na chomhairliche airson Ceann a Deas Na Hearadh, bho 1986 gu 1994. Tha e anns a chathair aig Iomairt Gàidhlig Dhùn Èideinn. Tha ùidh mhòr aige ann an ceòl, spòrs, poilitigs, leabhraichean agus na h-ealain san fharsaingeachd. Tha e cuideachd an dràsta ag ionnsachadh snàmh. Cluinnidh sinn seanchas Mhurchaidh, agus ceithir de na roghainnean ciùil pearsanta aige. Mar is àbhaist cuideachd, bidh roghainn math measgaichte de sheinneadairean is còmhlain air an liosta ciùil aig Iain. Tha iad sin uile air an taghadh eadar Americana, folk, ceòl Ceilteach is Country, le seann òrain agus feadhainn a tha buileach ùr air an clàradh.
Two hours of chat and music with John Carmichael broadcasting LIVE from the ÃÛÑ¿´«Ã½ studios in Glasgow. John welcomes another special guest, Murdo Angus MacLean for some engaging chat. Murdo Angus is from Harris but currently lives in Edinburgh. He enjoys music, sport, politics, reading and the arts in general. He will reveal his 4 favourite pieces of music complemented by John's music list which will include Americana, folk, Celtic and country and western. Stand by for some old classics and newly released songs.

2 hours

Last on

Fri 4 Sep 2015 21:00

Broadcast

  • Fri 4 Sep 2015 21:00