
An t-Urr Iain Urchardan, a bha na mhinistear air Eaglais na h-Alba ann an Chryston 1998
Seirbheis còmhla ris an Urr Iain Urchardan, Eaglais na h-Alba ann an Chryston, Glaschu 1998. Archive service conducted by Rev John Urquhart, Church of Scotland, Chryston in 1998.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 130: 1-5 air fonn Martyrdom agus 's e Calum Greumach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Ghà idhealach Phartaig.
Salm 133: 1-2 air fonn Torwood agus 's e Uilleam Mac a' Ghobhainn a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann am Barabhas.
Leughadh: Salm 133: 1
Rugadh an t-Urramach Iain Urchardan sna Bà igh, Na Hearadh, agus thòisich e a' dol don sgoil ann an Sgoil Mhà nais. Ghluais an teaghlach chun Òb agus chaidh e do Sgoil an Òib, Sgoil Sir E Scot air an Tairbeart, agus an uair sin Sgoil MhicNeacail a Steòrnabhagh.
Bha ùidh mhòr aige riamh anns na h-ealain agus, nuair a bha e deiseil san sgoil, chaidh e gu Sgoil Ealain Ghlaschu airson ceithir bliadhna.
Às dèidh sin fhuair e obair aig a' BhBC agus bha e an sàs ann am prògraman airson Radio nan Gà idheal agus prògraman telebhisean fad còig bliadhna. Chaidh e an uair sin a dh'Oilthigh Obar Dheathain far an do rinn e cùrsa ann an Diadhachd.
'S e paraiste Chryston a' chiad pharaiste a bh' aige na mhinistear agus chaidh e às a sin os cionn coitheanal Eaglais na h-Alba am Barraigh agus Bhatarsaigh airson trì bliadhna. Ghluais e an uair sin dhan Eilean Sgitheanach. Tha e pòsta aig Muriel agus tha triùir chloinne aca, Mairead Anna, Eòin agus Sìleas.
Tha Iain cuideachd a' teagasg Gà idhlig do dh'oileanaich ann an Sabhal Mòr Ostaig agus bha e an sàs ann an obair eadar-theangachaidh do Eaglais na h-Alba. Mar phà irt den obair seo, bha e ag ullachadh leabhar ùrnaigh sa Ghà idhlig, a' cruthachadh là rach-lìn agus ag ullachadh leabhar là itheil le leughaidhean, ùrnaighean is eile airson gach latha den bhliadhna. Tha e a' cuideachadh air a' chomataidh a tha air a bhith a' dèanamh eadar-theangachadh às ùr dhan Tiomnadh Nuadh.
Thòisich Iain air laoidhean eadar-theangachadh grunn bhliadhnaichean air ais. 'S e na laoidhean bu shine bu mhotha anns an robh ùidh aige an toiseach, ach tha e cuideachd ag eadar-theangachadh laoidhean ùra, laoidhean molaidh, agus feadhainn a tha sìmplidh agus freagarrach don chloinn. Cluinnear Iain gach seachdain air Radio nan Gà idheal agus e a' libhrigeadh an t-sreath phrògraman Beag air Bheag airson luchd-ionnsachaidh.
Last on
Broadcasts
- Sun 30 Aug 2015 21:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 18 Aug 2019 21:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal