
An t-Urr Niall Dòmhnallach, Eaglais Shaor Manachainn Rois 1996
Seirbheis bho 1996 còmhla ris an Urr Niall Dòmhnallach, Eaglais Shaor Manachainn Rois. Gaelic archive service from 1996 conducted by Rev Neil MacDonald, Fern Free Church.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus leughadh a leanas:
Salm 89: 15-17 air fonn Kilmarnock agus 's e Murchadh MacLeòid a bha os cionn na seinn agus Salm 86: 9-10 air fonn Bangor agus 's e Calum Greumach a tha os cionn na seinn. Chaidh na sailm a chlà radh ann an Eaglais Shaor Naomh Chalum Chille ann an Dùn Èideann.
Rugadh Niall Dòmhnallach ann an sgìre Ghriosornais anns an Eilean Sgitheanach ann an 1932.
Bha còignear anns an teaghlach aca - triùir bhalach agus aon nighean. Na òige chaidh e gu Bun-Sgoil an Aodainn Bhà in agus às an sin gu Àrd-Sgoil Dhùn Bheagain agus Phort Rìgh. Cheumnaich e à Oilthigh Dhùn Èideann le ceum anns na h-ealain agus às dèidh sin rinn e cùrsa teagaisg airson bliadhna. Is ann tron bhliadhna sin a dh'fhàs e mothachail gun robh e air a thà ladh chun na ministrealachd agus le sin chaidh e gu Colaiste na h-Eaglaise Saoire ann an 1955.
Chaidh a phòsadh ri coitheanal na h-Eaglaise Saoire ann an Loch Aillse air taobh siar Rois ann an 1959. Phòs e Catriona Mason à Tairbeart, Earra-Ghà idheal ann an 1962 agus bha dithis nighean aca. Ann an 1970 ghluais iad à Loch Aillse gu Eaglais Shaor Sgìre Manachainn Rois.
Na dhreuchd mar mhinistear bha e cuideachd na cheannard air grunn chomataidhean, nam measg na cheannard dà thuras air Comataidh Trèanaidh na Ministrealachd agus bha e na neach-deasachaidh air na duilleagan Gà idhlig air iris mhìosail na h-eaglaise airson còrr air sia bliadhna agus chaidh a thaghadh na Mhodarà tair air an Àrd-Sheanadh ann an 1996.
Ged a tha e air a dhreuchd a leigeil dheth bidh e fhathast a' searmonachadh bho à m gu à m. Nuair a gheibh e ùine dha fhèin is toigh leis a bhith a' leughadh, ag obair sa ghà rradh, a' siubhal agus ag ùrachadh seann à irneis.
Last on
Broadcast
- Sun 20 Sep 2015 21:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal