Main content
Sorry, this episode is not currently available

Sè aoigh na seachdainn sa Christine Nic an t-Saoir à Uibhist, a tha fuireachd ann an Earra Ghàidheal. Christine MacIntyre, who lives in Argyll, guests.

Dà uair a thìde de cheòl air leth agus còmhradh inntinneach còmhla ri Iain Mac 'ille Mhìcheil, beò à stiùdio a' BhBC ann an Glaschu. Bìth Iain an t-seachdain-sa a' cuir fàilt' air Christine Nic an t-Saoir, a th'air a bhith an sàs ann an iomadach dreuchd fad a beatha. Bha a màthair a Uibhist a Deas ach chuir ì seachad tòrr ùine ann an Glaschu na h-òige. Nuair a bha i deiseil anns an oilthigh, chaidh i air ais a dh'Uibhist far an do thachair ì ris an duin' aice agus bha iad an sin airson seachd bliadhna deug. Tha Christine air measgachadh de dh'obraichean a dhèanamh. Bha ì 'g obair ann an taighean-òsda, ann an ospadail, a' teagasg, a' draibheadh làraidhean is tractaran, agus ag obair mar stiùiriche luchd-turais air busaichean. Bha ì aon bliadhna deug ag obair aig Fèisean nan Gàidheal. Tha ì an-diugh stèidhte ann an Earra-Ghàidheal. Ged a tha ì nise an ìre mhath air a dreuchd a leigeal dhith, tha ì fhathast a' deanamh beagan obrach turasachd agus a' teagasg Gàidhlig.
Cluinnidh sinn gu leòr còmhradh eadar Iain is Christine, a bharrachd air ceithir de na roghainnean ciùil pearsanta aice. Mar is àbhaist cuideachd, bìth roghainn math measgaichte de sheinneadairean is còmhlain air an liosta ciùil aig Iain. Tha iad sin uile air an taghadh eadar Americana, folk, ceòl Ceilteach is Country, le seann òrain agus feadhainn a tha buileach ùr air an clàradh.
John welcomes Christine MacIntyre who lives in Argyll for engaging chat, craic and an exceptional array of music. Christine has had many varied jobs from teaching to driving lorries but presently works in tourism and also teaches Gaelic. She will reveal her 4 favourite pieces of music while John's playlist includes Americana, folk, Celtic and country and western. Stand by for some old classics and newly released songs.

2 hours

Last on

Fri 9 Oct 2015 21:00

Broadcast

  • Fri 9 Oct 2015 21:00