
Cruinneachadh stòras prìseil
Cunntasan bhon Chogadh Mhòr à tasglann Comann Eachdraidh Nis agus còmhraidhean len luchd-daimh. Personal accounts of WWI from the archives of Ness Historical Society, Isle of Lewis.
Anns a' chiad phrògram anns an t-sreath ùr Nisich a' Chogaidh Mhòir tha Angela NicIllEathain a' dol tro thasglann Chomann Eachdraidh Nis, ann an Leòdhas, airson cunntasan fhaighinn bhon a' Chiad Chogadh. Fhuair i stòras prìseil a chaidh a chlà radh an toiseach anns an seachadan agus thairis air na seachdainean a tha romhainn cluinnear feadhainn de na còmhraidhean sin agus cuideachd cluinnear bho chuid de luchd-dà imh nan daoine a tha anns na clà raidhean, feadhainn a tha gan cluinntinn airson a' chiad uair.
An-diugh tha Angela a' faighinn a-mach mar a thòisichear a' cruinneachadh an stuth luachmhòr seo mar phà irt de phròiseact shònraichte ann an sgìre Nis ann a 1977. B'e rud ùr a bha seo agus toiseach tòiseachaidh goireas a tha an-diugh aig cridhe na coimhearsnachd, Comann Eachdraidh Nis. 'S e bha nan rùn eachdraidh Nis a chruinneachadh agus a chuir ann an riochd seasmhach. Cluinnidh sinn bho Anna NicSuain a bh' aig an stiùir aig an à m agus bhon sgioba clà raidh - Dòmhnall 'Ryno' Moireasdan, Peigi NicEanraig, Doileag NicAoidh agus Agnes Rennie, a bha os cionn an sgioba.
Last on
More episodes
Previous
You are at the first episode
Broadcasts
- Thu 22 Oct 2015 12:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Thu 22 Oct 2015 22:10ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 25 Oct 2015 09:30ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal