Main content
Sorry, this episode is not currently available

28/10/2015

Beachdan air na lèirmheasan a bhios daoine a' sgriobhadh. bbc.co.uk/feasgar Views on reviews - do we read them? Do we write them?

As dèidh na tha air a bhith anns na naidheachdan mu dheidhinn Amazon agus na lèirmheasan a bhios daoine a' sgriobhadh bruidhnidh sinn ri triùir airson faighinn a-mach dè na beachdan a th'acasan orra. A bheil iad gan leughadh? A bheil iad gan sgrìobhadh? A bheil iad cuideachail?

An t-seachdain 'sa chaidh, chuala sinn gu robh dùil aig Buidheann Slàinte na Cruinne rabhadh a' sgaoileadh gu faodadh feòil giullaichte àillse adhbharrachadh. Bha coimeas ga dhèanamh anns na meadhanan eadar an cron a bha anns a bhiadh seo agus an cron a bha ann a bhith a' smocadh thoitean. An do ghabh daoine feart air na nochd? Cluinnidh sinn bho dhithis.

Gheibh sinn beachdan bho Thearlach Barden agus Kirsty Nic Dhùghaill air HiddenTours ann an Obair Dheathain 's iad air sgeulachdan eagalach a' chluinntinn mu sgìre Torry.

Agus tha Michelle NicDhòmhnaill air ais le tuilleadh naidheachdan ciùil. bbc.co.uk/feasgar.

1 hour, 27 minutes

Last on

Wed 28 Oct 2015 12:33

Broadcast

  • Wed 28 Oct 2015 12:33