Main content

Episode 4

Episode 4 of 10

John Urquhart guides learners, little by little, through the intricacies of the Gaelic language.

A bheil sibh ag ionnsachadh Gàidhlig? A bheil sibh feumach air misneachd gus ur Gàidhlig a chleachdadh? Ma tha, 's ann dhuibhse a tha Beag air Bheag, sreath gu sònraichte do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig.

Gach seachdain treòraichidh Iain Urchardan sibh tro chòmhraidhean agus tro aithrisean a bhios feumail dhuibh nur n-ionnsachadh. Beag air bheag, cuiridh sibh ri ur comasan ann a bhith a' bruidhinn Gàidhlig.

Sa phrògram seo, tha Iain a' còmhradh ri neach-ionnsachaidh na seachdain Calum MacLeòid agus a' cluinntinn mu a roghainn-ciùil, tha an t-Ollamh Michel Byrne air ais le Oisean a' Ghràmair agus cluinnear criomagan à tasglann Radio nan Gàidheal.

In this programme for Gaelic learners, John Urquhart guides learners through the intricacies of Gaelic language, dialects, idioms and sayings and chats to Calum MacLeod about his learning experience and Gaelic grammar help is on hand with Dr Michel Byrne of Glasgow University who uses materials from the ѿý archives to illustrate some of the complexities of the language.

Available now

54 minutes

Last on

Sun 16 May 2021 10:30

Tar-sgrìobhadh: Tiugainn a Dhannsa

Ailean Caimbeul ann an còmhradh le Anna Michie


Ailean Caimbeul: Buinidh an tè a tha air aoigheachd air prògram na seachdain an seo bho thùs dha baile beag na Gnìopa faisg air Ròdhag san Eilean Sgitheanach, agus dha teaghlach a bha is a tha fhathast cliùiteach ann an saoghal ciùil is dualchas na Gàidhlig. B’ e Anna Chaimbeul a bh’ innte mun do phòs i, agus ri linn ’ phòsaidh, ’s e Anna Michie a th’ oirre a-nist’.


Ach b’ e Anna Chaluim Sheumais, neo dìreach Anna na Gnìopa, a bh’ aig daoine oirre na h-òige. An-diugh ’ fuireach ann an Inbhir Nis, dh’inns’ Anna dhomh mun ’ chiad dannsa air a bheil cuimhne aice.


Anna Michie: A’ chiad danns’ a tha cuimhn’ agams’ air Ailean, tha mi ’ creidsinn gun robh mi, gun robh mi ceithir bliadhn’ deug. Agus, bha an cogadh ’ dol an uair sin. Agus, bhiodh iad ’ cur dannsaichean air adhart airson airgead a thogail dha na saighdearan. Agus bha peathraichean m’ athair aig an taigh an turas seo, agus bha danns’ ann an Ceann an t-Sàile. Bha talla beag ann a shin, is fhuair mi fhìn is Màiri mo phiuthar cead a dhol còmhla riutha. Agus am band a bh’ ann, ’s e bodach a bha ’ fuireach faisg air an talla le melodeon, agus gu dearbh bha e math!


Ailean Caimbeul: Cha robh ceòl ann ach am melodeon fhèin, leis fhèin?


Anna Michie: Cha robh sìon ann ach am melodeon, agus bha e dìreach air leth.


Ailean Caimbeul: Nise, bidh mi ’ bruidhinn ri tòrr dhaoine mun leithid seo Annag, agus bidh mi ’ gabhail iongnadh as an t-saoghal anns a bheil sinn beò an-diugh, cha dèan ò-ù sgath gun amplifiers is speakers is gleadhraich is fuaim. Ciamar a bha daoine ’ dèanamh ’ chùis, luchd-cluiche, chuimhne agad air ais an uair sin chun a - leithid an dannsa a bha sin ann an Ceann an t-Sàile. An robh sibh ’ cluinntinn ’ chiùil a dh’aindeoin an t-shluagh ’ dannsa?


Anna Michie: Bha. Cha robh leithid an rud le maic ’ dol idir, idir, ach bha sinn ’ cluinnteil ’ chiùil, agus bha an dannsa dìreach mìorbhaileach math. Chan fhaca mise dannsa ri, far an robh buidheann le microphones is a h-uile rud eile gus an d’ rinn mi a-nuas a Dhùn Èideann.

Tar-sgrìobhadh: Òran an Là

Le Griogair Labhruidh


Griogair: Rugadh is thogadh mi ann an Gart ’ Chàirn, Loch Laomainn, ach buinidh mo theaghlach do dh’Earra-Ghàidheal a Tuath do Bhaile Chaolais, agus tha buinteanas agam cuideachd le Sròn an t-Sìthein agus an sgìre Àird nam Murchan.
Agus tha mi air òran a thaghadh a chaidh a sgrìobhadh anns an sgìre sin le bàrd sònraichte math air an robh Dòmhnall MacColla, 'Fàgail Cheann Gheàrrloch' an t-ainm a th’ air an òran. Agus ’s e bàrdachd sònraichte math a th’ ann. Anns an òran, tha e ’ bruidhinn air sealladh is air na fèidh, is ’ toirt seachad an gaol a th’ aige fhèin air an àite.


Agus tha an t-òran ’ sealltainn na tha math mu dheidhinn bàrdachd, gu sònraichte à Earra Ghàidheal a Tuath. Theirinn gur e duine sònraichte a bh’ ann an Dòmhnall MacColla le Gàidhlig dhomhainn, cheòlmhòr, dhualchainnteach, nàdarra. B’ e Dòmhnall am bàrd a bu chudromaiche a bha beò anns an fhicheadamh linn dhòmhsa co-dhiù.


Bha esan am measg na bàird mu dheireadh air tìr-mòr. Tha mi eòlach air meall dhaoine anns an sgìre agus cuimhn’ aca air Dòmhnall, agus tha mi ’ smaoineachdainn gur e rud cudromach a tha sin oir tha e ’ toirt dhut ceangal pearsanta leis ’ bhàrd.


Ged a rinn e meall òrain, theirinn gur e 'Fàgail Cheann Gheàrrloch' am fear as fheàrr dhomhsa co-dhiù. Tha na facail a tha e ag ùisneachadh anns an òran fìor làidir, agus tha fonn àraid air an òran cuideachd.

Tar-sgrìobhadh: An Claigeann aig Damien Hirst

Bhruidhinn iad air ais ’s air adhart, mar a bha dol do Mhargaidh nan Earrannan; mar a bha saoghal nam poilitigs agus dè bha tachairt ann an saoghal nan ealan agus mar sin air adhart.


“’S ann nas miosa tha na h-ealain ’ dol,” ars am Morair agus a lip ’ tuiteam. “Am faca tu an claigeann uabhasach a bha siud le Damien Hirst?”


“Chan fhaca,” dh’aidich Slim, “ach tha mi eòlach air cuid dhen ealain eile a rinn e, ’ chaora ann ’ formaldehyde agus an cearban cuideachd. Nach do chosg an cearban sia mìle not? Chaidh breith air le iasgair proifeiseanta à Astràilia. ‘The Physical Impossibility of Death in the Mind of Someone Living’, nach e sin an t-ainm a thug e air.”


Bha drèin air ’ Mhorair. “By Jove, tha mi coma mun ainm, ach a bheil thu fhèin ’ smaoineachadh gur e ealain a th’ ann an sgudal mar siud? Dh’fhaodadh duine sam bith siud a dhèanamh, beathach a chur ann a formaldehyde.”


Dh’fhàs Slim mì-fhoighidneach. “Ach bha thu dol a dh’innse dhomh mun chlaigeann.”


“O, bha. An claigeann, air a dhèanamh de phlatinum, air a chòmhdach le ochd mìle, sia ceud agus aon daoimean ’s iad ’ cosg mu chòig millean deug not – nach eil sin mì-chiatach?”


Bha ’ chùis ’ tòiseachadh ’ còrdadh ri Slim. “Chan eil an cnàimh fhèin ann, ach dìreach am platinum.”


“Tha sin ceart,” dh’aontaich am Morair. “Chaidh a chumadh ’s a chruthachadh bho chlaigeann duine bhon ochdamh linn deug. Ach èist ri seo, tha fiaclan an duine anns ’ chlaigeann a tha sin; fiaclan mòra, geal, grànda, agus am beul fosgailte ann an craos gàire agus na sùilean mòr, dubh agus falamh. Tha mi ’g ràdh riut, chuireadh e gaoir tromhad.”

Oisean ’ Ghràmair 4: Notaichean

1. as motha / a bu mhotha (‘biggest’, etc. )


Cuideachd: BEAG AIR BHEAG 1, ʰò 3 & 4.


mòr as motha biggest a bu mhdzٳ biggest (in the past)
mathas fheàrr best a b’ fhà best (in the past)


ainmeil as ainmeile most famous a b’ ainmeile most famous (past)
blàth as blàithe a bu bhlàithe warmest (past)
carthannach as carthannaiche a bu chٳ󲹲ԲԲ kindliest (past)
cudromach as cudromaiche a bu chudromaiche most important (past)
tarraingeach as tarraingiche a bu tharraingiche most attractive (past)


Mìcheal Bochanan (ann am Prògram 3):


an cloc as motha air an t-saoghal‘t biggest clock in the world’
an cloc as ainmeile air thalamh‘t most famous clock on earth’
an sealladh as tarraingiche ann an Lunnainn ‘t most attractive sight in London’


If sentence in past tense:


an cloc a bu mhotha air an t-saoghal
an cloc a b’ ainmeile air thalamh
an sealladh a bu tharraingiche ann an Lunnainn


Griogair Labhraidh (Prògram 4):


Theirinn gur e ‘A’ Fàgail Cheann ’ Gheàrrloch’ am fear as fheàrr dhomhsa co-dhiù.
‘I would say that ‘Leaving Garelochhead’ is the best one [song] for me anyway.’


B’ e Dòmhnall am bàrd a bu chudromaiche a bha beò anns an fhicheadamh linn dhomhsa co-dhiù.
‘DDzԲ was the most important bard/poet alive in the twentieth century for me anyway.’


Ach. . . ‘DDzԲ is the most important bard/poet alive today’:
’S e Dòmhnall am bàrd as cudromaiche a tha beò san latha an-diugh.


Maletta NicPhàil (Prògram 1):
“...nuair a bha daoine smaoineachadh gu robh an aimsir dol a dh’ fhàs na b’ fheàrr ’s na bu bhlàithe ’s na bu charthannaich
‘when people thought the weather was going to get better and warmer and kindlier’


Ach . . . ‘The weather is going to get better and warmer and kindlier’:
Tha an aimsir dol a dh’ fhàs nas fheàrr ’s nas blàithe ’s nas carthannaiche.


Cuideachd:
mar as trice ‘usually, more often than not’ (present)
mar bu thrice ‘usually, more often than not’ (past)


2. ginideach (genitive)


(i)
an caolas ‘t kyle’
Baile ’ Chaolais ‘t village of the kyle’, Ballachulish


Griogair Labhraidh:
“Buinidh mo theaghlach do dh’Earra-Ghàidheal a Tuath, do Bhail’ ’ Chaolais.”
“My family belongs to North Argyll, to Ballachulish.”


am pòsadh ‘(the) marriage’ → ’ phòsaidh of (the) marriage’


Ailean Caimbeul:
“. . . agus ri linn ’ phòsaidh, ’s e Anna Michie a th’ oirre a-nist.”
‘. . . and as aresult of (the) marriage, she’s called Anna Michie now.’


ceòl → ciùil ‘o ܲ’
luchd-ciùil ‘people of music, i.e. musicians’
ò-ù ‘band of music, i.e. a band’
fèis-chiùil ‘a festival of ܲ’


Ailean Caimbeul:
Cha dèan ò-ù sgath gun amplifiers is speakers is glaodhraich is fuaim.
‘A band won’t do a thing [nowadays] without amplifiers and speakers and racket and noise.’


(Faic cuideachd BEAG AIR BHEAG 1, Prògram 5: Puing 1.)


(ii)


Cuideachd, ann an cuid de dhualchainntean (in some dialects):


Tha mi ’ dèanamh / ag iarraidh / ’ cluinntinn etc + ginideach


Ailean Caimbeul:
“An robh sibh ’ cluinntinn ’ chiùil a dh’aindeoin an t-sluagh ’ dannsa?”
‘Could you hear the music in spite of the crowd dancing?’
Anna Michie:
“Bha sinn ’ cluinnteal [ = cluinntinn] ’ chiùil, agus bha an dannsa dìreach miorbhaileach math.”
‘We could hear the music, and the dance was just amazingly good.’


Eisimpleirean eile:


Chuala sinn an cù. ‘We heard the dog.’
Ach: Bha sinn ’ cluinntinn ’ choin. ‘We were hearing [i.e. could hear] the dog.’


Lean iad an abhainn. ‘They followed the river.’
Ach: Bha iad ’ leantail na h-aibhne. ‘They were following the river.’


Gabhaidh mi an t-iasg. ‘I’ll have the fish.’
Ach: Tha mi ag iarraidh an èisg. ‘I’m wanting the fish.’


Chì sinn ’ mhuir. ‘We’ll see the ocean.’
Ach: Bidh sinn ’ faicinn na mara. ‘We’ll be seeing the ocean.’


Chì mi an uair. ‘I see the time (the hour).’
Ach: Tha mi ’ faicinn na h-uarach, agus tha an t-àm agam falbh.
‘I’m seeing (I can see) the time (‘t hour’), and it’s time for me to go.’


N.B.
chaolais chiùilchoin an èisg phòsaidh : ‘o the [masculine noun]’
na h-aibhnena marana h-uarach : ‘o the [feminine noun]’

Abairt na Seachdain


Thig math à mulad 's thig sonas à suaimhneas

Oisean ’ Ghràmair 4: Notaichean

1. as motha / a bu mhotha (‘biggest’, etc. )


Cuideachd: BEAG AIR BHEAG 1, ʰò 3 & 4.


mòr as motha biggest a bu mhdzٳ biggest (in the past)
mathas fheàrr best a b’ fhà best (in the past)


ainmeilas ainmeile most famous a b’ ainmeilemost famous (past)
blàthas blàithe a bu bhlàithewarmest (past)
carthannachas carthannaiche a bu charthannaichekindliest (past)
cudromach as cudromaiche a bu chudromaichemost important (past)
tarraingeach as tarraingiche a bu tharraingichemost attractive (past)


Mìcheal Bochanan (ann am Prògram 3):


an cloc as motha air an t-saoghal‘t biggest clock in the world’
an cloc as ainmeile air thalamh‘t most famous clock on earth’
an sealladh as tarraingiche ann an Lunnainn ‘t most attractive sight in London’


If sentence in past tense:


an cloc a bu mhotha air an t-saoghal
an cloc a b’ ainmeile air thalamh
an sealladh a bu tharraingiche ann an Lunnainn


Griogair Labhraidh (Prògram 4):


Theirinn gur e ‘A’ Fàgail Cheann ’ Gheàrrloch’ am fear as fheàrr dhomhsa co-dhiù.
‘I would say that ‘Leaving Garelochhead’ is the best one [song] for me anyway.’


B’ e Dòmhnall am bàrd a bu chudromaiche a bha beò anns an fhicheadamh linn dhomhsa co-dhiù.
‘DDzԲ was the most important bard/poet alive in the twentieth century for me anyway.’


Ach. . . ‘DDzԲ is the most important bard/poet alive today’:
’S e Dòmhnall am bàrd as cudromaiche a tha beò san latha an-diugh.


Maletta NicPhàil (Prògram 1):
“...nuair a bha daoine smaoineachadh gu robh an aimsir dol a dh’ fhàs na b’ fheàrr ’s na bu bhlàithe ’s na bu charthannaich”
‘when people thought the weather was going to get better and warmer and kindlier’


Ach . . . ‘The weather is going to get better and warmer and kindlier’:
Tha an aimsir dol a dh’ fhàs nas fheàrr ’s nas blàithe ’s nas carthannaiche.


Cuideachd:
mar as trice ‘usually, more often than not’ (present)
mar bu thrice ‘usually, more often than not’ (past)


2. ginideach (genitive)


(i)
an caolas ‘t kyle’
Baile ’ Chaolais ‘t village of the kyle’, Ballachulish


Griogair Labhraidh:
“Buinidh mo theaghlach do dh’Earra-Ghàidheal a Tuath, do Bhail’ ’ Chaolais.”
“My family belongs to North Argyll, to Ballachulish.”


am pòsadh ‘(the) marriage’ → ’ phòsaidh ‘o (the) marriage’


Ailean Caimbeul:
“. . . agus ri linn ’ phòsaidh, ’s e Anna Michie a th’ oirre a-nist.”
‘. . . and a result of (the) marriage, she’s called Anna Michie now.’


ceòl → ciùil ‘o ܲ’
luchd-ciùil ‘people of music, i.e. musicians’
ò-ù ‘band of music, i.e. a band’
fèis-chiùil ‘a festival of ܲ’


Ailean Caimbeul:
Cha dèan ò-ù sgath gun amplifiers is speakers is glaodhraich is fuaim.
‘A band won’t do a thing [nowadays] without amplifiers and speakers and racket and noise.’


(Faic cuideachd BEAG AIR BHEAG 1, Prògram 5: Puing 1.)


(ii)


Cuideachd, ann an cuid de dhualchainntean (in some dialects):


Tha mi ’ dèanamh / ag iarraidh / ’ cluinntinn etc + ginideach


Ailean Caimbeul:
“ An robh sibh ’ cluinntinn ’ chiùil a dh’aindeoin an t-sluagh ’ dannsa?”
‘Could you hear the music in spite of the crowd dancing?’
Anna Michie:
“Bha sinn ’ cluinnteal [ = cluinntinn] ’ chiùil, agus bha an dannsa dìreach miorbhaileach math.”
‘We could hear the music, and the dance was just amazingly good.’


Eisimpleirean eile:


Chuala sinn an cù. ‘We heard the dog.’
Ach: Bha sinn ’ cluinntinn ’ choin. ‘We were hearing [i.e. could hear] the dog.’


Lean iad an abhainn. ‘They followed the river.’
Ach: Bha iad ’ leantail na h-aibhne. ‘They were following the river.’


Gabhaidh mi an t-iasg. ‘I’ll have the fish.’
Ach: Tha mi ag iarraidh an èisg. ‘I’m wanting the fish.’


Chì sinn ’ mhuir. ‘We’ll see the ocean.’
Ach: Bidh sinn ’ faicinn na mara. ‘We’ll be seeing the ocean.’


Chì mi an uair. ‘I see the time (the hour).’
Ach: Tha mi ’ faicinn na h-uarach, agus tha an t-àm agam falbh.
‘I’m seeing (I can see) the time (‘t hour’), and it’s time for me to go.’


N.B.
♂ ’ chaolais ’ chiùil ’ choin an èisg ’ phòsaidh : ‘o the [masculine noun]’
♀ na h-aibhne na mara na h-uarach : ‘o the [feminine noun]’

Broadcasts

  • Sun 8 Nov 2015 21:30
  • Wed 11 Nov 2015 22:00
  • Sun 15 Nov 2015 10:30
  • Sun 31 Jan 2016 21:30
  • Wed 3 Feb 2016 12:00
  • Wed 3 Feb 2016 22:00
  • Sun 7 Feb 2016 10:31
  • Sun 9 May 2021 21:30
  • Wed 12 May 2021 12:00
  • Wed 12 May 2021 22:00
  • Sun 16 May 2021 10:30

Podcast