Main content
Sorry, this episode is not currently available

Alasdair MacCoinnich - Ypres agus Somme

Sgeulachd Alasdair MhicCoinnich chaidh a chur am braighdeanas aig Blàr an Somme. Alasdair MacKenzie gives an account of being taken prisoner at the Somme.

'S ann ann an rèiseamaid nan Sìophortach a bha Alasdair MacCoinnich, Alasdair Thomain, anns a' Chiad Chogadh. Chuir e seachad ùine anns na trainnsichean aig Ypres anns a' Bheilg agus tha e a' samhlachadh nan trainnsichean ri bhith ann am broinn poll-mònach. Bha a' chuid as motha de dh'uidheamachd is eile aig Arm Bhreatainn ann a sgìre Ypres a' tighinn tro rathad air an robh 'Hell Fire Corner'. B' e an t-àite bu chunnartaiche anns an sgìre. Anns a' chòmhradh a rinn Alasdair ri Comann Eachdraidh Nis bha e ag innse dìreach cho fìor chunnartach agus a bha cùisean agus mar bha na Gearmailtich a' cumail sùil gheur air fad an t-siubhail agus a' losgadh bho thalamh àrd nam faiceadh iad dad a' tighinn. Tha cunntas aige air mar a theub aon fhear-brathaidh Gearmailteach sgrios mòr a dhèanamh.

'S ann aig Blàr an Somme a chaidh Alasdair a leòn agus chaidh an uairsin a chuir am braighdeanas ach fhuair e air tèicheadh às dèidh dà bhliadhna.

Fhuair Dòmhnall Ryno MacIlleMhoire èolas air Alasdair Thomain, 's e na bhalach òg ag èirigh suas ann an Adabroc. B' e nàbaidh a bh' ann an Alasdair agus caraid teaghlaich. Anns a' phrògram sa, cluinnidh sinn na cuimhneachain pearsanta a th' aig Dòmhnall air a nàbaidh.

30 minutes

Last on

Sun 22 Nov 2015 09:30

Alasdair MacCoinnich

Alasdair MacCoinnich

Taing do Chomunn Eachdraidh Nis airson an dealbh.

Copyright: Comunn Eachdraidh Nis

Dòmhnall Ryno Moireasdan

Dòmhnall Ryno Moireasdan

Broadcasts

  • Thu 19 Nov 2015 12:00
  • Thu 19 Nov 2015 22:10
  • Sun 22 Nov 2015 09:30