Main content

Episode 6

Episode 6 of 10

Prògram airson luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig còmhla ri Iain Urchardan.
John Urquhart guides learners through the intricacies of the Gaelic language.

A bheil sibh ag ionnsachadh Gàidhlig? A bheil sibh feumach air misneachd gus ur Gàidhlig a chleachdadh? Ma tha, 's ann dhuibhse a tha Beag air Bheag, sreath gu sònraichte do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig. Gach seachdain, treòraichaidh Iain Urchardan sibh tro chòmhraidhean agus tro aithrisean a bhios feumail dhuibh nur n-ionnsachadh. Beag air bheag, cuiridh sibh ri ur comasan ann a bhith a' bruidhinn Gàidhlig.

Ann am prògram na seachdain sa, tha Iain a' còmhradh ris an neach-ionnsachaidh Eleanor Wood à Dùn Dèagh agus a' cluinntinn mu a roghainnean ciùil.
Cuideachd sa phrògram, bidh an t-Ollamh Michel Byrne an seo le Oisean a' Ghràmair agus cluinnear an siathamh earrann den sgeulachd ghoirid againn, An Claigeann aig Damien Hirst le Maoilios Caimbeul.

Presenter John Urquhart guides learners through the intricacies of Gaelic language, dialects, idioms and sayings. This week, John meets Gaelic learner Eleanor Wood from Dundee, grammar help is on hand from Dr Michel Byrne of Glasgow University and ѿý archive material is used to illustrate some of the complexities of the language. Listeners can also enjoy the sixth part of the serialised short story, An Claigeann aig Damien Hirst by Maoilios Caimbeul.

Available now

54 minutes

Last on

Sun 30 May 2021 10:30

Tar-sgrìobhadh: Feasgar: Eòghann Stiùbhart

Eòghann: Bha sinn fada nas fhortanaiche a thaobh an t-sìde na bha na Tirisdich!


Cathy: Bha gu dearbh.


Eòghann: Bha, bha sin dìreach uabhasach. Tha mi ’ smaointinn gun robh an latha far an robh am Fèis aca bha e sònraichte math, chunnaic mi gun robh ’ ghrian ’ deàrrsadh anns na dealbhan a chunnaic mi, agus tha fios ’m gum bi na Tirisdich ’ cumail fìor dheagh chuirm shìos ann a shin, is mòr am beud nach b’ urrainn dhomh a dhol dhan an dà chuid.


Ach Dihaoine sa chaidh, bha mise ’ ruith campa tron t-seachdain airson na h-òigridh, agus bha mi ’ faighinn na teachdaireachdan Diciadain bho na màthraichean ag ràdh, “Dè fon ghrèin a tha ’ dol a thachairt Dihaoine?” Tha sinn ’ faighinn rabhadh sìde a tha eagallach”.


Is an uair sin, dhùisg mi madainn Dihaoine, is bha dìreach ’ ghrian ’ deàrrsadh, is bha e dìreach cho àlainn. ’S e latha cho àlainn a fhuair sinn o chionn sia mìosan! Bha e, bha e dìreach iongantach. Bha sin èibhinn mar a sheachnaich Leòdhas an cuid as miosa den t-sìde, agus bha deagh Fhèis ann, agus tha e an-còmhnaidh math. Tha Steòrnabhagh dìreach air bhoil, is tha e ’ còrdadh rium.


Cathy: Bha e iongantach gun d’ fhuair sinn às leis, chan ann tric a bhios sin ’ tachairt tha eagal orm. Ach, gu dearbh, chòrd e ri daoine, agus tha e ’ sealltainn cuideachd spiorad nàbachd nuair a tha daoine ’ tighinn còmhla bhon bha iad air àite fhosgladh dhan an fheadhainn a bhiodh ’ siubhal chun na Fèise nach b’ urrainn teantaichean a chur an àirde. Bha an spiorad sin snog cuideachd ann an Tiriodh, nach robh?


Eòghann: Glè mhath. Bha sin, bha sin dìreach iongantach a bhith ’ faicinn daoine ’ fosgladh nan dorsan aca, agus tha fios agad fhèin ma tha thu air coinneachadh ri duine sam bith à Tiriodh, ’s e daoine cho fialaidh ’s a ghabhas air ’ Ghaidhealtachd. Agus ’s e àite gu math Gàidhealach a th’ ann an Tiriodh, fhios agad? Tha daoine ’ dìochuimhneachadh gu bheil an cuibhreann de daoine anns an eilean seo aig a bheil Gàidhlig. Fhios agad, tha e cho àrd ri àite sam bith taobh a-muigh na h-Eileanan Siar, so tha cultar Gàidhealach is fialaidh ceart acasan, agus tha aoigheachd a bha daoine ’ faighinn dìreach sònraichte, agus tha e math fhèin, is tha mi an dòchas gum faigh mi an cothrom a dhol ann aon bhliadhna nuair nach eil e air an aon deireadh-sheachdain ri Hebcelt.


Cathy: Cha chreid mi nach eil thu dìreach air sin fhaighinn leis na thubhairt thu! Tha mi cinnteach gum bi iad ’ fònadh thugadsa ag ràdh, “Thig a-nall! Thig a-nall! Dìreach cha leig thu leas a dhol gu càil!” Sin an rud a thachras thèid mi an urras.

Tar-sgrìobhadh: Siud Thu: Donalda NicComb

Iain: A bheil, a bheil, mar a chanas iad sa chànan eile, a bheil role models agad ma-thà? A bheil tidsearan ann tro na bliadhnaichean a tha air buaidh shònraichte a thoirt ort fhèin, agus mar a tha thu ’ deiligeadh ri d’ obair san latha a th’ ann?


Donalda: Tha mi ’ smaointinn nuair a chaidh mi dhan sgoil an toiseach, ’ chiad tidsear a bh’ agam riamh, Miss MacInnes, Ceitidh Mary, agus bha i càirdeach dhomh cuideachd. Tha deagh chuimhn’ agam oirrese, agus air ’ chiad latha a bh’ agam riamh anns an sgoil. Agus bha mi còmhla rithe san rùm bheag airson trì bliadhna, agus tha mi ’ smaointinn ’s dòcha an uair sin gun robh mi ’ faireachdainn gun e deagh rud a bhiodh ann a bhith nad thidsear. Gheibheadh tu a bhith trod ri daoine, is gheibheadh tu a bhith gan stiùireadh an siud ’s an seo. So, chanainn-sa gun e ise ’ chiad, gu h-àraid sa bhun-sgoil, gu bheil deagh chuimhn’ agam oirrese, agus ’s dòcha a-rithist gun e sin adhbhar a chaidh mi airson an dreuchd a chaidh mi air a shon.


Iain: Ach nuair a tha thu an aois a tha sin, agus nuair a tha thu ’ gluasad air adhart chun an ath chlas, tha thu ag ionndrainn an neach-teagaisg a bh’ agad gu mòr, nach eil?


Donalda: Tha. Tha mi ’ smaointinn nuair a smaoineachas tu air feadhainn bheag ’ dol dhan sgoil an toiseach, an fheadhainn a tha iad eòlach air, ’s e ’s dòcha am màthair. So ma tha tidsear agad a tha dhen aon seòrsa, a tha ’ coimhead às do dhèidh is a tha còir is a tha laghach, a h-uile seòrsa rud mar sin mar a bha Ceitidh, tha sin ’ toirt... tha meas mòr agad air an tè sin, agus bidh deagh chuimhn’ agad oirre cuideachd.

Tar-sgrìobhadh: An Claigeann aig Damien Hirst

Seachdain no dhà às dèidh ’ chòmhraidh san Athenaeum, fhuair e teachdaireachd fòn bho aon den luchd-gnothaich a bhiodh ’ dèanamh reic is ceannach dha. Bhiodh an claigeann ga reic ann an Sotheby’s ann an latha no dhà agus bha dùil gun cosgadh e co-dhiù leth-cheud millean not. An robh e ag iarraidh dèiligeadh ann am prìsean cho àrd? Rinn Slim soilleir dha gu robh. Dè bh’ ann an leth-cheud millean not ach airgead pòcaid do dhuine coltach ris-san.


An latha às dèidh dha a bhith ’ bruidhinn ris ’ Mhorair Merr, bha e air an claigeann fhaicinn, agus thug e buaidh mhòr air. Cha b’ e gun robh e giseagach ann an dòigh sam bith. Air a chaochladh, cha robh saobh-chràbhadh ’ tighinn faisg air a nàdar. Cha b’ e idir. B’ e bha ann gur ann le Damien Hirst a bha an claigeann, gur e esan a dhealbh e – fear-ealain cho ainmeil, no cho droch-chliùiteach, ’s a bha san t-saoghal. Dè an diofar, fhad ’s a ghleidheadh an claigeann a luach. Agus bha e cinnteach às gun gleidheadh.


Bha daoine ag ràdh nach robh ann ach bling-bling, ach cha b’ e. Nach robh na fiaclan cho fìor ’s a ghabhadh fiaclan a bhith. Bhuineadh iad do dhuine a bha ’ coiseachd air an talamh uaireigin, duine coltach ris fhèin, agus a-nis bha iad cho stàiteil, urramach, cuairtichte le daoimeanan drileanach, geala, deàlrach.


Bha e air ’ fòn a-rithist agus Mìcheal, am fear-dèiligidh aige, ann an Sotheby’s air ’ fòn-làimhe. Chaidh ’ phrìs os cionn leth-cheud millean, ach thuirt e ris cumail air. Cha robh airgead ’ dol a chur stad air. Chaidh an tairgse san rup suas gu leth-cheud millean ’s a còig, ach cha robh sin gu diofar. Fhuair e an claigeann. ’S ann leis-san a bha e a-nis.

Oisean ’ Ghràmair 6: Notaichean

1. AIR dèanamh (‘have/had done’, perfect tenses)


Eòghann Stiùbhart:


Tha fios agad fhèin, ma tha thu air coinneachadh ri duine sam bith à Tiriodh, ’s e daoine cho fialaidh ’s a ghabhas air ’ Ghaidhealtachd.”
“You know yourself, if you’ve met anyone from Tiree, they’re as generous a people as you’ll find in the Gaidhealtachd.”


ma tha thu air coinneachadh ri duine sam bith à Tiriodh
‘if you have met anyone from Tiree’


Ma tha thu ǾԲԱ𲹳󲹻 ‘if you’re meeting, if you meet’
Ma tha thu air ǾԲԱ𲹳󲹻 ‘if you’ve met’


Tha iad ܾ󾱲Բ ‘T are talking.’
Tha iad air ܾ󾱲Բ ‘T have talked.’


Tha thu togail ort chun na Spàinn. ‘You’re heading off to Spain.’
Tha thu air togail ort chun na Spàinn. ‘You’ve headed off to Spain.’


Tha mi sgrìobhadh chun na Comhairle. ҵ’m writing to the Council.’
Tha mi air sgrìobhadh chun na Comhairle. ҵ’ve written to the Council.’


Bha iad ’ bruidhinn rium. ‘T were talking to me’
Bha iad air bruidhinn rium. ‘T had talked to me’


Bha iad ’ togail orra. ‘T were heading off.’
Bha iad air togail orra. ‘T had headed off.’


Bha i ’ ìDz󲹻. ‘She was writing.’
Bha i air ìDz󲹻. ‘She had ɰٳٱ.’


Cathy Dhòmhnallach (ri Eòghann Stiùbhart):


Bha iad air àite fhosgladh dhan an fheadhainn a bhiodh ’ siubhal chun na Fèise nach b’ urrainn teantaichean a chur an àirde.”
They had opened a place for the people who’d be travelling to the festival who couldn’t put up tents.’
“Cha chreid mi nach eil* thu dìreach air sin fhaighinn.”“I do believe you’ve just got (yourself) that.”
* (Cha chreid mi nach eil = Tha mi ’ smaoineachadh gu bheil)


Bha iad ’ fosgladh ‘T were opening’
Bha iad air fosgladh ‘T had opened’


Bha iad ’ fosgladh àite ‘T were opening a place’
Bha iad air àite fhosgladh ‘T had opened a place’


Cha chreid mi nach eil thu ’ faighinn sin. ҵ think/believe you’re getting that.’
Cha chreid mi nach eil thu (dìreach) air sin fhaighinn. ҵ think/believe you’ve (just) got that.’


Iain Mac'IlleMhìcheil (ri Donalda NicComb):


“A bheil tidsearan ann a tha air buaidh shònraichte a thoirt ort fhèin?”
“Are there any teachers who have had a special influence/impact on you?’


Tha iad ’ toirt buaidh ort. ‘T’re influencing you (/ having an impact on you).’
Bha iad ’ toirt buaidh ort. ‘T were influencing you.’
Tha iad air buaidh a thoirt ort. ‘T have influenced you.’
Bha iad air buaidh a thoirt ort. ‘T had influenced you.’


(Faic cuideachd BEAG AIR BHEAG Sreath 2, Prògram 2.)


AIR A BHITH : ‘have/had been’


A bheil sibh air a bhith ag èisteachd ris na còmhraidhean?
Have you been listening to the conversations?’
Bha Eòghann air a bhith ’ ruith campa òigridh.
‘Eɲ had been running a youth camp.’


Tha mi ag èisteachd. ҵ’m listening.’
Tha mi air a bhith ag èisteachd. ҵ’ve been ٱԾԲ’
Bha mi ag èisteachd. ҵ was listening.’
Bha mi air a bhith ag èisteachd. ҵ had been ٱԾԲ’.


Tha mi nam dhùisg. ҵ’m ɲ.’
Tha mi air a bhith na mo dhùisg. ҵ’ve been ɲ.’
Bha mi na mo dhùisg. ҵ was ɲ.’
Bha mi air a bhith na mo dhùisg. ҵ had been ɲ.’


Tha mi ’ siubhal. ҵ’m ٰԲ.’
Tha mi air a bhith ’ siubhal. ҵ’ve been ٰԲ.’
Bha mi ’ siubhal.ҵ was ٰԲ.’
Bha mi air a bhith ’ siubhal . ҵ had been ٰԲ.’


2. –AS (teachdail/future)


Faic cuideachd: BEAG AIR BHEAG Sreath 1, Prògram 8, Puing 2.


Teachdail (future):
...a..., mar a..., ciamar a...?, cuin a...?, nuair a..., ma... + –AS


Cathy Bhàn (ri Eòghann Stiùbhart):
“Sin an rud a thachras, thèid mi an urras.”
“That’s what will happen, I bet.”


Eòghann Stiùbhart:
“...daoine cho fialaidh ’s a ghabhas air ’ Ghaidhealtachd”
“...people as generous as you’ll find in all the Highlands”.
(Faic cuideachd BEAG AIR BHEAG Sreath 2, Prògram 1, iii.)


Iain MacIlleMhìcheil (ri Donalda NicComb):
“A bheil, mar a chanas iad sa chànan eile, a bheil role models agad ma-thà?”


Donalda NicComb:
“...nuair a smaoineachas tu air feadhainn bheag ’ dol dhan sgoil an toiseach”
“when you think of wee ones first going to school”


Tachraidh e. ҵt will happen.’
Sin an seòrsa rud a thachras. ‘That’s the sort of thing that happens / will happen.’


Togaidh sinn taigh. ‘We’ll build a house.’
Seo an seòrsa taigh a thogas sinn. ‘Here’s the sort of house we (will) build.’


Bruidhnidh mise an toiseach. ҵ’ll speak first.’
An duine a bhruidhneas an toiseach... ‘The person that speaks first...’


Ciamar a chanas tu...? ‘How do you say...’
Cuin a thogas iad orra? ‘When do they/will they set off?’
Mar a thuigeas sibh... ‘As you’ll understand’
Mar a chanas iad ‘As they say’
Ma dh’èisteas sibh gu dlùth ҵf you listen closely’
Ma lorgas sibh eisimpleirean eile ҵf you find other examples’
Nuair a dh’fhalbhas sibh, glasaibh an doras. ‘When you leave, lock the door.’


Agus cuideachd as dèidh Cò?, Dè? agus na:


Cò thogas am balla? ‘Who’ll build the wall?’
Togaidh sinne e. ‘We’ll build it.’


Cò bhruidhneas riutha? ‘Who’ll speak to them?’
Bruidhnidh mise riutha. ҵ’ll speak to them’.


Dè ghabhas tu? ‘What will you have?’
Gabhaidh mise m’ àbhaist. ҵ’ll have my usual.’


Dè chanas mi riutha? ‘What will I say to them?’
Can na* thogras tu! ‘Say anything you like!’


*na = ‘what, that which, all that...’.
Tog na thogras tu. ‘Pick up all you want.’
Fòghnaidh na dh’fhòghnas. ‘What will do will do.’ = ‘Enough is enough!’


• Às dèidh –as, thu → tu.
Dè ghabhas tu
? Ciamar a chanas tu...? Can na thogras tu.

Abairt na Seachdain

Tàlaidh am biadh fiadh na beinne

Broadcasts

  • Sun 22 Nov 2015 21:30
  • Wed 25 Nov 2015 12:00
  • Wed 25 Nov 2015 22:00
  • Sun 29 Nov 2015 10:32
  • Sun 14 Feb 2016 21:28
  • Wed 17 Feb 2016 12:00
  • Wed 17 Feb 2016 22:00
  • Sun 21 Feb 2016 10:32
  • Sun 23 May 2021 21:30
  • Wed 26 May 2021 12:00
  • Wed 26 May 2021 22:00
  • Sun 30 May 2021 10:30

Podcast