
Buil bhòt nan Cumantan air ionnsaighean adhair air IS ann an Siria.
Gheibh sinn beachadan air buil bhòt Thaigh nan Cumantan air ionnsaighean adhair a thoirt air IS ann an Siria. Reaction to the outcome of the Commons vote on air strikes in Syria.
An-diugh beachadan air buil bhòt Taigh nan Cumantan air ionnsaighean adhar air IS ann an Siria.
Tha Katie NicDhòmhnaill a' cosg na trainers aice gach là as a mhìos seo a' ruith, ge bith dè an seòrsa sìde a th'ann. Tha i an sàs ann an iomairt air a bheil Marco-thon a thòisich air na meadhanan sòisealta bho chìonn seachd bliadhna air ais.
'S iad na tinneasan Crohn's Disease agus Ulcerative Colitis an dà phrìomh thinneas a tha a' tuiteam fo bhratach Inflammatory Bowel Disease. Tinneasan a tha ort fad do bheatha agus a tha a' fàs nas cumanta gu h-à raid ann an daoine òga. Thairis air an t-seachdain 'sa tha iad airson aire dhaoine a thogail gu beatha là itheil chuideigin le tinneas mionaich. Comhairle bho dhotair agus fiosrachadh bho Kharen Mhoireasdan a tha a' fulang leis.
Tha Dòmhnall S Moireach a' toirt sùil air cuid de na teacsaichean a thathas air cleachdadh airson clasaichean Beurla anns an à rd-sgoil. Tha e an-diugh gu bhith a' bruidhinn mu dheidhinn na dealbhan chluich ainmeil aig Arthur Miller The Crucible agus Death of a Salesman. bbc.co.uk/feasgar.
Last on
Broadcast
- Thu 3 Dec 2015 12:33ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal