
Air patrol sa Chuan Shiar agus tè a bha 'g obair aig na munitions ann an Glaschu
Sgeulachd fear bha air patrol sa Chuan Siar agus tè a bha 'g obair aig na munitions ann an Glaschu. Patrol duties in the Atlantic and working with munitions in Glasgow.
Bha Coinneach MacLeòid, Coinneach a' Bhà ird, à Dail fo Dheas, trì bliadhna fichead agus ann an New York air soitheach marsanta nuair a thòisich an Cogadh. B' fheudar dha tilleadh a Bhreatainn gu math sgiobalta. Nuair a thill e b' ann gu muir a chaidh e a-rithist, agus b' ann aig muir a bha e nuair a theab e a bheatha a chall.
'S iomadh duine ann an sgìre Nis a bha èolach air Coinneach. Bha bùth aige, Bùth Choinnich a' Bhà ird, far a bheil taigh-sheinnse Cross Inn an-diugh. Agus mar a chluinneas sinn anns a' phrògram 's e a' bhùth, seach na thachair dha sa Chogadh, air a bheil cuimhne aig daoine seach nach robh Coinneach fhèin a' bruidhinn air mar a thachair ris.
Anns an dà rna leth dhan phrògram cluinnidh sinn sgeulachd Chairistìona Mhoireasdan, Cairstìona Bheag Mhurdaidh, às a' Phort a bha air a dhol a Ghlaschu a' lorg obair an dèidh dhan Cogadh a bhith air a ghairm. B' ann air mhuinntireas a bha i an toiseach ach chaidh i an uairsin a dh' obair gu factaraidh a bha a' dèanamh munitions air bruaichean Chluaidh. Seachdainean an dèidh dhan Chogadh a thighinn gu crìoch, rinn Cairistìona a slighe dhan Chaol airson seòladh air an t-soitheach an 'Sheila' a bheireadh dhachaigh a Leòdhas i air madainn na Bliadhn' Ùire 1919, a' chiad turas aice aig an taigh ann an ceithir bliadhna.
Last on
Broadcasts
- Thu 3 Dec 2015 12:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Thu 3 Dec 2015 22:10ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 6 Dec 2015 09:30ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal