
An t-Urr Alasdair MacAmhlaigh agus an ceann-teagaisg aige 'acair ar n-anam'
Seirbheis còmhla ris an Urr Alasdair MacAmhlaigh, Eaglais Shaor Bhaile Dhubhthaich. A Gaelic religious service conducted by Rev Alasdair MacAulay, Tain Free Church.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 139: 1-2 agus 's e Seonaidh MacSuain a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba air an Tairbeart.
Salm 48: 12-14 air fonn Glencairn agus 's e Fionnlagh Caimbeul a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann an Nis.
Salm 73: 25-26 air fonn Martyrdom agus 's e Iain MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho choithional Eaglais Shaor Chrois.
Leughadh: Eabhraidhich 6: 9-20
Ceann-teagaisg: Eabhraidhich 6: 18-19
Thà inig atharrachadh spioradail am beatha Alasdair nuair a bha e dà bhliadhna thar fhichead. Mus deach e a-steach airson na ministrealachd chuir e dà bhliadhna seachad ann an gnìomhachas na h-ola agus sia bliadhna deug na fhear-naidheachd aig a' BhBC ag obair ann an Inbhir Nis agus mu dheireadh ann an Steòrnabhagh.
Tha e pòsta aig Mà iri, a bhuineas do sgìre Nis agus tha iad le cheile air an cumail traing leis an teaghlach aca Cairistiona, Lùc, Emma, Kate agus an ogha aca Demi. Bha Alasdair agus Mà iri le chèile an sàs ann an obair am measg òigridh Nis airson grunn bhliadhnachan mus do ghluais an teaghlach a Dhùn Èideann fhads a bha Alasdair a' frithealadh Colaiste na h-Eaglaise Saoire. Anns an Ògmhìos 2012 fhuair e cead-searmonachaidh agus chaidh a phòsadh ri coitheanal Eaglais Shaor Bhaile Dhubhthaich agus Manachainn Rois san Lùnastal.
A bharrachd air uallaichean a' choitheanail, bidh Alasdair a' dèanamh obair ann an grunn sgoiltean sa sgìre agus tha Mà iri, a bhean, ag obair gu saor-thoileach còmhla ri mà thraichean òga.
Last on
An t-Urr Alasdair MacAmhlaigh

Broadcasts
- Sun 13 Dec 2015 09:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 13 Dec 2015 15:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 28 Aug 2016 09:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 28 Aug 2016 15:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal