
An t-Urr Eachann MacCoinnich
Seirbheis air ullachadh Nollaige còmhla ris an Urr Eachann MacCoinnich, ministear san Arm. A service on Christmas preparations, with Army Chaplain Rev Hector MacKenzie.
Anns an t-seirbheis seo cluinnidh sibh na laoidhean a leanas:
Ainglean Chuala Sinn gu h-Àrd le Còisir Eaglais Naomh Chaluim Chille; Anna Nic na Ceardaich a' seinn Ann am Baile Rìoghail Dhaibhidh; Adeste Fideles air a sheinn le Pòl MacCaluim; Kirsteen Menzies is Joanna Peteranna a' seinn Leanabh an Àigh agus mu dheireadh, Kirsteen Menzies a' seinn eadar-theangachadh den laoidh O Holy Night (Cantique de Noël )
Leughaidhean:
Isaiah 9: 1-7 & Lucas 2: 8-15
Tha Eachann MacCoinnich na mhinistear ann an Eaglais na h-Alba agus an-diugh na phadre anns an Arm. Chuir e seachad còrr is trì bliadhna cuide ris na Highlanders is tha e a-nis ann an Colchester an Sasainn. Buinidh Eachann do sgìre Chille Mhoire ann an Ceann a Tuath an Eilein Sgitheanaich. Thogadh e ann an Hùnagladar agus tha an teaghlach an sin fhathast.
Mus deach a ghairm dhan mhinistrealachd, bha Eachann ag obair do Shabhal Mòr Ostaig, a' cluich na pìoba aig cèilidhean fad an t-samhraidh agus na chroitear. Tha ùidh mhòr aige fhathast ann an obair an fhearainn is gnothaichean dùthchail. A bharrachd air a sin, bidh e ag iomain, a' sreap nam beann nuair a bhios cothrom aige, agus ag iasgach. Tha ùidh mhòr aige anns a' Ghà idhlig agus dualchas 's eachdraidh nan Gà idheal.
Tha e pòsta aig Sìne is tha dithis nighean aca, Aila agus Minni.
Last on
An t-Urr Eachann MacCoinnich

Broadcasts
- Sun 20 Dec 2015 09:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 20 Dec 2015 15:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 17 Dec 2023 21:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal