Main content
Sorry, this episode is not currently available

2/5 An t-Urr Aonghas Mac a' Ghobhainn - Seirbhis Nàiseanta ann am Palestine 's ann a Libya

Seirbhis Nàiseanta ann am Palestine agus ann a Libya agus an soisgeul leis a h-uile ceum. Rev Angus Smith looks back at his national service in Palestine and Libya.

Bha an t-Urramach Aonghas Mac a' Ghobhainn na mhinistear airson còrr math air leth-cheud bliadhna, an toiseach san Eaglais Shaor agus san Eaglais Shaor Chlèireach. Chuir e seachad a' mhòr chuid dhan mhinistrealachd sin san Eilean Sgitheanach agus a Leòdhas, far a robh e a' fuireach mu dheireadh. Ach b' ann air Ghalldachd a chaidh a thogail agus chaidh sìol na ministrealachd a chur ann na bhalach gu math òg. Thàinig e gu Crìosd na bhalach aig àm an Dàrna Cogaidh am Baile Ghobhainn an Glaschu, far na thogadh an teaghlach. 'S mar a dh'innis e do Mhaureen Nicleòid bha e a' gabhail a h-uile cothrom a gheibheadh e airson a bhith bruidhinn ri cho-aoisean mun t-soisgeul an uair sin, agus às dèidh sin, nuair a bha taghadh aige a dhol dhan oilthigh neo dhan arm.

Chaochail an t-Urr Mac a' Ghobhainn sa Lùnastal am-bliadhna.

30 minutes

Broadcasts

  • Thu 31 Dec 2015 12:00
  • Mon 9 Dec 2019 12:00
  • Mon 9 Dec 2019 22:00