Main content
Sorry, this episode is not currently available

Seirbheis le Iain Eàirdsidh Mac a' Mhaoilein

Seirbheis còmhla ri Iain Eàirdsidh Mac a' Mhaoilein. Gaelic service conducted by John Archie MacMillan.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na laoidhean a leanas:
'Tha Sinne Dhia a' Seinn do Chliù' agus 'Thighearna Thàinig Thu Chun na Linne' le Amy NicAmhlaigh.
'A Thighearna a Chruthaich is a Dhealbh Mi' le Coisir Eaglais Naomh Barr ann am Barraigh.
Ùrnaigh an Tighearna le Joanna Peteranna
Mòr Aoibhneas Don Dram a Chreid le Mairi Mhoireasdan

Leughadh :Eòin 12:23-26
Ceann-teagaisgEòin 12:24

Rugadh agus thogadh Iain Eàirdsidh ann an Cill Donain ann an Uibhist a Deas agus chaidh e dhan sgoil an sin agus an Dalabrog. Às an sin, chaidh e gu Colaiste Blairs ann an Obar Dheathain agus à sin gu Colaiste Rìoghail na Sagartachd anns an Spàinn airson sia bliadhna. Thàinig e a-mach na shagart anns an Ògmhios, 1971. Bha e na shagart ann an Dùn Omhain, Eilean Bhòid, Dalabrog agus Èirisgeidh. Bha Iain Eàirdsidh ag obair mar Oifigear Leigheis-inntinn ann an Lodainn an Iar a' cuideachadh daoine le trioblaidean inntinn agus ag oideachadh 's a' toirt comhairle do dhaoine eile ann a bhith a' dèiligeadh ri daoine le trioblaidean inntinn. Tha e a-nis air a dhreuchd làn-ùine a leigeil seachad.
Tha e a' fuireach ann an Ceann a Deas Drochaid na Banrigh le bhean, Màiri, agus an dithis theaghlach, Harriet agus Mata. Nuair a bhios ùine aige dha fhèin is toigh leis a bhith siubhal a-null thairis, gu h-àraid dhan Eadailt, far a bheil taigh aca ann am baile beag iomallach. Air a shlighe a dh'obair, bhiodh e ag èisteachd ri clàraidhean den chànan Eadailtis 's a' feuchainn ri gnìomhairean Eadailtis ionnsachadh - gu mì-fhortanach bidh an fheadhainn Eadailteach agus Spàinnteach a' dol an lùib a chèile gu math tric, ach tha e còrdadh ris gu mòr a bhith dèanamh seo. Bidh e cuideachd a' cur ùine seachad air a' chùrsa golf agus a' dèanamh tòimhseachain-tarsainn agus ag eadar-theangachadh pìosan beaga an siud 's an seo dhan Ghàidhlig.
Bidh Iain Eàirdsidh os cionn nan seirbheisean Gàidhlig ann an Eaglais nam Manach Liath ann an Dùn Èideann uair sa h-uile sia gu ochd seachdainean.

30 minutes

Iain Eàirdsidh Mac a' Mhaoilein

Iain Eàirdsidh Mac a' Mhaoilein

Broadcasts

  • Sun 24 Jan 2016 09:00
  • Sun 24 Jan 2016 15:00
  • Sun 24 Jul 2016 09:00
  • Sun 24 Jul 2016 15:00