
Episode 80
Sgeulachd zeppelin L19 a chaidh a leagail às an adhar aig deireadh an Fhaoillich 1916. The story of the shooting-down of zeppelin L19 in January 1916 and the subsequent fall-out.
Tha Gilleasbuig MacDhòmhnaill ag innse mar a thug naoi Zeppelins ionnsaigh air Sasainn air an oidhche mu dheireadh dhen Fhaoilleach 1916. Cha b' e na bailtean-puirt a b' fhaisg orra a bha fainear dha na naoi soithichean-adhair seo nuair a dh'fhà g iad Freidrichshaven, Lowenthal agus Tondern. Thathar a' smaoineachadh gur e a bha nam beachd a dhol tarsainn air an dùthaich gus ionnsaigh a thoirt air Liverpool, a' dearbhadh nach robh à ite sam bith ann an Sasainn ro fhada air falbh dhaibh.
Ach, abair bith dè chaidh ceà rr, chaill iad an cùrsa agus, nuair a shaoil iad gu robh iad os cionn Liverpool, bha iad faisg air ceithir fichead mìle an ear-dheas, agus b' e bailtean beaga mar Tipton, Bradley agus Wednesbury, beagan an iar-dheas air Walsall, a dh'fhuiling an call bu mhotha. Mharbh no leòn iad còrr air ceud is ochdad duine.
B' i an L19 aon de na soithichean-adhair seo. Bha i air an t-soitheach mu deireadh a' tighinn tarsainn a' Chuan a Tuath agus bha e air a rà dh gu robh trioblaidean air a bhith ann le h-einnseanan air an rathad a-null. Air an t-slighe dhachaigh chuir i brath a-mach grunn thursan ag iarraidh comharran rèidio a chumadh i air cùrsa. Chualas mu dheireadh bhuaipe an latha an dèidh na h-ionnsaigh is i còrr air fichead mìle tuath air eilean Dùitseach, Ameland. Bha tri de na ceithir einnseanan aice air stad, 's cha robh an rèidio ag obair ceart. Cluinnidh sinn an sgeulachd inntinneach a lean.
Last on
More episodes
Clip
-
Seachdain sa Chogadh 040216
Duration: 10:00
Broadcasts
- Thu 4 Feb 2016 21:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Fri 5 Feb 2016 11:50ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal