Main content
Sorry, this episode is not currently available

Sgeulachdan 'Ball-coise' agus 'Cricket'

An-diugh na sgeulachdan mu dheireadh aig Tormod Caimbeul, 'Ball-coise' agus 'Cricket'. The two remaining short stories from Norman Campbell's book Hostel and Other Stories.

Rugadh agus thogadh an sgrìobhadair, an neach-teagaisg agus an fhìor Niseach, Tormod Caimbeul, Tormod a' Bhocsair ann an Dail bho Dheas, Leòdhas. Sgrìobh e grunn leabhraichean do dh' inbhich leithid Deireadh an Fhoghair, An Druim bho Thuath, Shrapnel agus An Naidheachd bhon Taigh. Do chloinn bha Uilleam Ban agus an Iolaire, A' Chailleach Chrubach, Dòmhnall mac Dhòmhnaill mac Dhòmhnaill, agus Cathal Garg is a Hearach. Chruinnich e cuideachd rannan do chloinn agus chàich anns a' leabhar àlainn Air do Bhonnagan a Ghaoil agus dh'eadar-theangaich e samhail Tè Bheag a' Ghruffalo is leabhraichean Katie Morag do chloinn.

Ann a 1992, agus e air fhastadh mar sgrìobhadair aig Roinn an Fhoghlaim de Chomhairle nan Eilean, chaidh cruinneachadh de na sgeulachdan aige, Hostail agus Sgeulachdan Eile, fhoillseachadh do dheugairean, sgeulachdan stèidhichte air a làithean-sgoile ann a Steòrnabhagh sna 50an. Chaidh an craoladh an toiseach ann a 1993 agus 's iomadh facal a thog iad am measg shean is òg. Gur math as fhiach èisteachd riutha uair eile!

Bhàsaich Tormod sa Chèitean 2015 aig aois 72. Chaidh an cruinneachadh mu dheireadh de na sgeulachdan goirid aige, Sgeulachdan sa Chiaradh, fhoillseachadh le Acair san Dàmhair.

15 minutes

Last on

Sun 14 Feb 2016 09:29

Broadcasts

  • Mon 8 Feb 2016 12:00
  • Mon 8 Feb 2016 22:00
  • Sun 14 Feb 2016 09:29