Main content
Sorry, this episode is not currently available

Murchadh Caimbeul

Innes Rothach a' bruidhinn ri Murchadh Caimbeul mun àit' a th' aig teicneòlas na bheatha. Innes Munro talks to Murdo Campbell about how technology helps or hinders his life.

Tha teicneòlas conaltraidh a-nis sa h-uile h-àite. Tha e nar làmhan ge bith càit' a bheil sinn - aig an taigh, ag obair neo còmhla rinn air làithean-saora. Ach ciamar a tha daoine a' cur an teicneòlas seo gu feum is dè a' bhuaidh a tha e toirt air am beatha?

Anns a' phrògram seo, tha Innes Rothach a' bruidhinn ris an fhear-gnothachais, Murchadh Caimbeul. Tha Murchadh ag innse cho cudromach 's a tha teicneòlas dha na diofar ghniomhachasan a tha e a' ruith. Ged nach eil e a' cur Facebook gu feum cus, tha e feumail airson cumail suas ri na ceanglaichean aige ri na Hearadh. Ach 's e Sgitheanach a th' ann, agus tha an ceangal sin a' fàgail gu bheil e gu mòr an sàs ann an leasachadh na Gàidhlig tro Shabhal Mòr Ostaig agus tro obair le Comann Gàidhlig Inbhir Nis.

30 minutes

Last on

Sun 27 Mar 2016 13:01

Broadcasts

  • Mon 21 Mar 2016 12:00
  • Mon 21 Mar 2016 22:00
  • Sun 27 Mar 2016 13:01