Main content

Episode 2

Episode 2 of 15

John Urquhart guides learners, little by little, through the intricacies of the Gaelic language.

A bheil sibh ag ionnsachadh Gàidhlig? A bheil sibh feumach air misneachd gus ur Gàidhlig a chleachdadh? Ma tha, 's ann dhuibhse a tha Beag air Bheag, sreath gu sònraichte do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig.

Gach seachdain treòraichidh Iain Urchardan sibh tro chòmhraidhean agus tro aithrisean a bhios feumail dhuibh nur n-ionnsachadh. Beag air bheag, cuiridh sibh ri ur comasan ann a bhith a' bruidhinn Gàidhlig.

Sa phrògram seo, tha Iain a' còmhradh ri neach-ionnsachaidh na seachdain Moira Webster à Ceann a' GhiÚthsaich
agus a' cluinntinn mu a roghainn-ciĂšil agus tha an t-Ollamh Michel Byrne a' toirt thugaibh Oisean a' GhrĂ mair.

In the second programme in this series for Gaelic learners, John Urquhart guides learners through the intricacies of Gaelic language, dialects, idioms and sayings and chats to Moira Webster from Kingussie about her learning experience. Gaelic grammar help is on hand with Dr Michel Byrne of Glasgow University who uses materials from the ĂŰŃż´ŤĂ˝ archives to illustrate some of the complexities of the language.

Available now

54 minutes

Last on

Sun 11 Jul 2021 10:30

Tar-sgrĂŹobhadh: Feasgar

MĂŹcheal Hill


Mìcheal: Oidhche ron Nollaig, nuair a bha mi trì neo ceithir bliadhna a dh’aois, bha sianal a ceithir tha mi a’ smaointinn a’ sealltainn a’ chonsairt ‘Tina Live ann an Rio’. Nise, bha mise air bhioran mun cuairt air an Nollaig is cha robh mi ag iarraidh a dhol don leabaidh.


Agus bha mo phàrantan a’ fàs crosta agus mise a’ leum mun cuairt an t-seòmar-suidhe. Agus dìreach mo thuaiream mun d’ thuirt iad, chunnaic mi Tina air an telebhisean a’ spaidearachd air an àrd-ùrlar!


Cathy: Agus h-abair spaidearachd!


Mìcheal: Tha fios a’m! Is bha mi air mo bheò-ghlacadh, agus shuidh mi sìos is sheall mi air a’ chonsairt air fad agus abair faochadh do mo phàrantan. Agus às a dhèidh sin, fhuair iadsan tèip den a’ chonsairt seo, agus bhiodh iad ga chleachdadh mar gum biodh... mar duais bheag ma bha mi modhail! Às dèidh sin, bhithinn a’ farraid do mo phàrantan air oidhche ron Nollaig airson Tina mus deach mi don leabaidh a’ feitheamh ri Santa.


Cathy: Mìorbhaileach, agus tha cuimhn’ agad air a sin. Dè bha thu, trì neo ceithir bliadhna a dh’aois?


Mìcheal: Trì neo ceithir bliadhna a dh’aois.

Tar-sgrĂŹobhadh: LĂ ithean Geala 2

MĂ iri Bheag


Ged a tha Calum mòr, garbh, làidir, chan eil a phiuthar ach caran beag, meanbh. Chan eil sin idir ag ràdh nach eil i fallain - is i a tha! Bidh a h-athair ag ràdh gu tric gu bheil i dìreach mar am breac. Cha robh Màiri bhochd a’ tuigsinn an toiseach gu dè air an t-saoghal a bha seo a’ ciallachadh, agus cha bhiodh i idir air a dòigh an uair a chluinneadh i e, oir bha dùil aice gur ann a bha a h-athair a’ fanaid oirre, ag ràdh gu robh ise coltach ri iasg! Tha làn fhios aice nis carson a bhitheas e ag ràdh seo, agus cha dèan i ach snodha-gàire an uair a chluinneas i e.


Bu chòir do Mhàiri a bhith nas lugha na Calum, oir tha i nas òige na e. Bha i naoi bliadhna a dh’aois toiseach an Earraich, agus tha sin a’ fàgail Chaluim dà bhliadhna nas sine na i. An uair a bha i sia bliadhna a dh’aois agus a chuala i gu robh Calum ochd, tha e coltach gu robh i ag ràdh – “Dà bhliadhna eile agus beiridh mi air!” Ach cha chan i dad cho faoin ri sin a-nis - tha i air fàs mòran nas glice.


Ged nach eil Màiri ach beag, tha i glè mhath air obair, agus is iomadh car a nì i. Bidh a màthair a’ gearain nach dèan i sin ach dìreach an uair a thogras i fhèin, agus gu bheil i coma co-aca ma bhitheas a sròn ann an leabhar. Gun teagamh sam bith, tha i air leth dèidheil air leughadh, ann an Gàidhlig agus ann am Beurla, agus tha sin ga fàgail nas fheàrr air obair-sgoile na a bràthair. Tha esan coma, bidh athair ag ràdh, ma gheibh e cothrom a bhith a’ breabadh buill, an uair nach eil an còrr aige ri dhèanamh.


Tha Màiri Bheag a’ cosg ùine mhòir air a leasain gach feasgar. Tha an t-ainm aice air a sgrìobhadh gu grinn, dòigheil air a leabhraichean gu lèir. Seach gur e nighean a tha innte, feumaidh ise “NicDhòmhnaill” a sgrìobhadh an àite “MacDhòmhnaill”.


A. Feuch a-nis air na ceistean seo:
1. “Mar am breac” - dè tha sin a’ ciallachadh?
2. Carson nach robh Màiri air a dòigh an uair a bha a h-athair ag ràdh gu robh i mar am breac?
3. Dè an aois a tha Màiri?
4. Dè tha fàgail Màiri nas lugha na Calum?
5. Carson nach beir MĂ iri air Calum ann an aois?
6. Dè an aois a bhitheas Màiri an uair a bhitheas Calum seachd-deug?
7. Carson a tha MĂ iri nas fheĂ rr anns an sgoil na Calum?
8. Dè is toigh le Calum a bhith dèanamh an uair nach bi obair aige?
9. Dè is toigh leat fhèin a bhith dèanamh?
10. Dè an ùine bhitheas tu fhèin a’ cosg air do leasain gach feasgar?


B. Far am faic thu Ă ite falamh an seo, cuir facal air choireigin ann - am facal ceart!
l. Cho.... ris an t-sneachda.
2. Cho.... ri each.
3. Cho gòrach ris na h-....
4. Cho.... ris an fhitheach.
5. Cho.... ris a’ ghaoith.
6. Cho sunndach ri....
7. Cho....ris an iarann.
8. Cho....ris an fhuil.
9. Cho teth ris an....
10. Cho milis ris a’....


C. Dèan iad seo a-nis - gu dòigheil!
1. Tha duine.... math air obair.
2. Chan eil duine.... math air obair.
3. Tha duine.... deònach rud a thoirt seachad.
4. Chan e amadan idir a tha ann an duine....
5. ls e amadan a tha ann an duine....
6. Bidh duine.... an uair a bhitheas e ag obair Úine mhòr.
7. Tha an t-.... air duine an uair a tha e fada gun bhiadh.
8. Tha am pathadh air duine a tha fada gun....
9. Tha gille luath math air....
10. Cha bhi duine.... ag ràdh mòran.

Tar-sgrĂŹobhadh: Leugh an Leabhar

Ùisdean MacIllFhinnein


Uisdean: Chan ann tric a tha mise sa chidsin mar a tha fhios aig a’ mhòr-chuid agaibh, ach ’s ann an sin a’ lorg mi an leabhar a bu mhotha nach do chòrd rium air a’ bhliadhna a chaidh. Bha mi a’ feitheamh a’ choire agus a’ lorg nam briosgaidean a bha i fhèin air a chur air falach. Laigh mo shùil air sgeilp an leabhraichean. Shìn mi chun a ‘Star Chef’s Cookbook’ agus thug mi sùil air cò iad. Martin Blunos, Paul Heathcote. Cò? Uill, fiù ’s le m’ aineolas anns a’ chidsin, dh’aithnich mi Gordon Ramsay, Marco-Pierre White agus an dà Mhìcheil Ruadh, sean is òg.


An uair sin, mhothaich mi gun robh an t-ùghdar Richard Bramble air a làmh a chur ris an leabhar. ‘Cuiridh mi air eBay e’, thuirt mi rium fhèin agus nì mi fortan air. Bha coltas ùr-nodha air an leabhar, ach an uair sin, mhothaich mi gun robh steigear buidhe air duilleag ceud, leth-cheud ’s a trì. Steigear a bha i fhèin air a chur ann.


“Did this in July 2007, and it was good. Worked well for two smaller pieces of lamb.”


Marinated grilled lamb a chàirdean, b’ eòlach mo sheanair agus iomadach seanair eile air, agus chan eil deagh chuimhn’ agam cò ris a bha e coltach. Bha agad ri do chuid garlic a phrannadh, rosemary fhaighinn agus dh’fheumadh tu am bobhla a phiobrachadh. Bha suathadh ri dhèanamh, dòrtadh ola agus sùgh lemon. Bha agad ris an fheòil fhàgail fad na h-oidhche agus sin aig blàths an rùm.


Taigh Iain Ghròt, tha am microwave tòrr nas fhasa agus chuir sin gu truiseadh an leabhar mi, agus b’ e sin an truiseadh. Wood-roasted turbot tranche le capers a chàirdean, grilled squid le chillies, rudan Frangach nach do thuig mi is nach do chuir acras orm no eile. Cha robh blas no fàileadh riutha, gin dhiubh.

SĂšil air a' Mhapa 2

Cia mheud dath a th’ air a’ mhapa co-cheangailte ri ‘loch’? Tha gu leòr ann! An toiseach ‘loch dubh’. Dark no black loch. Tha na ficheadan ann. Dè bhios a’ dèanamh loch ‘dubh’? Dà rud. Uisge mòineach – peaty water. Agus ma tha an loch ann an àite dorch. Tha lochan ann cuideachd air a bheil ‘Dubh-loch’, le dubh aig an toiseach.


Tha dà loch ann an Leòdhas air a bheil Loch Geal. Gu tuath air Loch Laomainn, tha an Geal Loch. Tha an Geal Loch faisg air an Dubh Lochan. Ach tha an Dubh Lochan ann an àite dorch. Agus tha e nas lugha – tha ‘lochan’ nas lugha na ‘loch’.


Tha Loch Uaine faisg air Gleann Afraig. ’S dòcha gur e mèinnirean – minerals – a tha a’ dèanamh an uisge uaine. Ach dè bhios a’ dèanamh loch ‘buidhe’? ’S dòcha lusan – còinneach no feur ri taobh an locha. Tha an t-ainm-àite ‘Loch Buidhe’ cumanta.


Tha lochan ann air a bheil Loch Gorm no Gorm-loch. Ach a bheil gorm a’ ciallachadh blue no green? Chan eil e soilleir bhon mhapa. Bha Loch Gorm ann an Inbhir Nis aig aon àm. ’S e ‘green loch’ a bha sin.


Tha grunn lochan ann air a bheil Loch Dearg. ’S dòcha gu bheil a’ chreag timcheall an locha car dearg.


Agus seallaibh na dathan eile a chì sinn – Fionn Loch, Glas-loch, Loch Liath, Loch Odhar agus Loch Ruadh. Tha daoine ag ràdh gu bheil uisge gun dath. Ach tha lochan na h-Alba ioma-dhathach!

Oisean a’ Ghràmair 2: Notaichean

Sùil air ais:  ’S ANN    (Faicibh Prògram 1.)


Ùisdean MacIll-Fhinnein:
“Chan ann tric a tha mise sa chidsin mar a tha fios aig a’ mhòr-chuid agaibh, ach ’s ann an sin a lorg mi an leabhar a bu mhotha nach do chòrd rium air a’ bhliadhna a chaidh.”    
“It’s not often that I’m in the kitchen as most of you know, but that’s where I came across the book I most disliked this past year.”


Chan ann tric  
‘it’s not often’  
’S ann an sin a lorg mi an leabhar     
‘It’s there that I came across the book.’


Òrdugh nam facal (‘word order’):  gnìomhair is ainmear cas mu seach 


Ùisdean MacIll-Fhinnein:


“Bha agad ri do chuid garlic a phrannadh, rosemary fhaighinn agus dh’fheumadh tu am bobhla a phiobrachadh.”    
“You had to crush your garlic, get hold of some rosemary, and you had to pepper the bowl.” 


“Bha agad ris an fheòil fhàgail fad na h-oidhche agus sin aig blàths an rùm.”    
“You had to leave the meat out all night and at room temperature.”


Le Tha / Bha / Bidh etc      òrdugh Gàidhlig  =  òrdugh Beurla, m.e.:


Bha mi     a’ pronnadh cneamh.      ‘crushing gaelic’
Bidh thu   a’ faighinn ròs-moire.      ‘getting hold of rosemary’
Tha iad    a’ piobrachadh a’ bhobhla.      ‘peppering the bowl’


ACH le abairtean eile:
...cneamh a phronnadh  ‘garlic to crush’
...ròs-moire fhaighinn  ‘rosemary to get hold of’
...am bobhla a phiobrachadh     ‘the bowl to pepper’

Tha na h-ainmearan (nouns: cneamh, ròs-moire, bobhla) agus na ˛ľ˛ÔĂŹ´Çłžłó˛šžą°ůąđ˛š˛Ô (verbs: pronnadh, faighinn, piobrachadh) cas-mu-seach (‘the other way round’), agus tha ˛őèžąłžłóąđ˛šłŚłó˛šťĺłó (lenition) air na ˛ľ˛ÔĂŹ´Çłžłó˛šžą°ůąđ˛š˛Ô (a phronnadh, fhaighinn, a phiobrachadh).


Mar eisimpleir:
Bha aca ri     cneamh a phronnadh.  ‘They had to...’
Feumaidh tu      an fheòil fhàgail.   ‘You must...’
Bu chòir dhut    am bobhla a phiobrachadh.  ‘You should...’
Cha b’ urrainn dhomh     ròs-moire fhaighin.   ‘I couldn’t...’
Tha mi ag iarraidh ort   garlic a phrannadh.   ‘I want you to...’
Dhìochuimhnich mi       rosemary fhaighinn.   ‘I forgot to...’
Dè mu dheidhinn   deagh bhrot a dhèanamh? ‘How about...?’


“Dè mu dheidhinn deagh bhrot a dhèanamh, no cearc a ròstadh, no fiù’s toast le càise a chur fon ghrile.”    
‘How about making a good soup, or roasting a chicken, or even putting cheese on toast under the grill.’


FAICIBH CUIDEACHD:   Beag air Bheag 2, Prògram 2: 


Feumaidh mi    seo a dhèanamh.      ‘I must do this.’
Feumaidh mi    leabaidh ùr a cheannach.   ‘I need to buy a new bed.’
Tha mi ag iarraidh    an càr a reic.      ‘I want to sell the car.’
Bu chòir dhut    an leabhar seo a leughadh.     ‘You ought to read this book.’
Dh’innis iad dhomh    a’ chiad trèana a ghabhail.   ‘They told me to take the first train.’
Cha bhiodh e glic    am bùrn seo òl.      ‘It wouldn’t be wise to drink this water.’
Dh’iarr mi orra    an doras fhosgladh.    ‘I asked them to open the door.’
Bu mhath leam    am manaidsear fhaicinn.   ‘I’d like to see the manager.’ 

Abairt na Seachdain

Am fear nach bi ri aodann na creige, cha bhi eagal air gun tuit e.

Broadcasts

  • Sun 27 Mar 2016 21:32
  • Wed 30 Mar 2016 12:00
  • Wed 30 Mar 2016 22:00
  • Sun 3 Apr 2016 10:32
  • Sun 10 Jul 2016 21:30
  • Wed 13 Jul 2016 12:00
  • Wed 13 Jul 2016 22:00
  • Sun 17 Jul 2016 10:30
  • Sun 4 Jul 2021 21:30
  • Wed 7 Jul 2021 12:00
  • Wed 7 Jul 2021 22:00
  • Sun 11 Jul 2021 10:30

Podcast