Main content
Sorry, this episode is not currently available

Factaraidh Orasaigh, Uibhist a Deas

A' toirt feadhainn a bha uair ag obair còmhla a-rithist. An-diugh sgioba factaraidh na feamad aig Orasaigh. A reunion for former staff of Orasay seaweed factory in South Uist.

Tha Iain MacAmhlaigh air ais aig obair na feamad airson a' phrògram mu dheireadh san t-sreath sa far a bheil e air a bhith a' toirt feadhainn a bha uair ag obair còmhla ri chèile a-rithist.

'S ann aig deireadh an Dàrna Cogadh chaidh factaraidh a stèidheachadh aig Orasaigh ann an sgìre Bhaghasdail ann an Uibhist a Deas. Bha seo airson an fheamain a bha cho lìonmhor air cladaichean Uibhist a ghiollachd airson a chuir gu feum ann an iomadach dòigh. Thug an fhactaraidh cosnadh mhath do mhòran air feadh Uibhist chun an do dhùin i aig toiseach na h-ochdadan.

Tha Iain air ceathrar a chuir seachad mòran bhliadhnaichean a' sàs anns a' ghnìomhachas seo a thoirt còmhla a-rithist airson meòrachadh air na laithean sin. 'S iadsan
Aonghas Murchadh MacLeòid, Aonghas Dòmhnallach, Catriona NicAmhlaigh agus Donnchadh MacFhionghain. Thàinig iad uile cruinn còmhla aig dachaigh Dhonnchaidh, Donnchadh Chailein aig an Lùdaig.

30 minutes

Last on

Fri 10 Apr 2020 09:30

Broadcasts

  • Tue 5 Apr 2016 12:00
  • Tue 5 Apr 2016 22:00
  • Sun 10 Apr 2016 10:00
  • Fri 10 Apr 2020 09:30