Main content
Sorry, this episode is not currently available

Tasglann: An t-Urr C Dòmhnallach, Eaglais Shaor Leantainneach Shnìosoirt (2001)

Seirbheis còmhla ris an Urr Coinneach Dòmhnallach, Eaglais Shaor Leantainneach Shnìosoirt 2001. Archive service from 2001 with Rev Kenneth MacDonald, Snizort Free Church Continuing.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus leughaidhean a leanas:
Salm 32: 1-2 air fonn Martyrdom agus 's e Tormod MacIllIosa a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Chille Mhoire.
Salm 65: 4-5 air fonn St David agus 's e an t-Urramach Seumas Dòmhnallach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais an h-Alba ann an Garrabost.
Salm 118: 17-18 air fonn Coleshill agus 's e Iain Ailig MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Leantainneach Shnìosoirt.

Leughadh: Gnìomharan Nan Abstol 11: 7- 24
Ceann-teagaisg: Gnìomharan Nan Abstol 11: 23

Rugadh agus thogadh Mgr Dòmhnallach ann an sgìre Phabail Uarach anns an Rubha ann an Leòdhas. Às dèidh an sgoil fhàgail anns an Rubha agus Sgoil Mhicneacail a fhrithealadh chaidh e a dh'ionnsachadh obair saorsainneachd airson ceithir bliadhna ann an Steòrnabhagh.
Às dèidh pòsadh, chaidh iad a dh'fhuireach a dh'Inbhir Nis airson greiseag agus an uair sin thill iad air ais a Steòrnabhagh far an robh iad a' ruith bùth ùine ghoirid. Tha dithis bhalach aca agus dusan ogha, agus tha fear de na balaich na mhinistear ann an sgìre Nis ann an Leòdhas.
Thàinig atharrachadh ann am beatha Mhaighstir Dhòmhnallaich ann an 1987 agus chaidh e a dh'obair chun na buidhne Tear Fund ann am Bangladesh airson dà bhliadhna. Às a sin ghluais e gu miseanaraidh ann an Afraga a Deas far an robh e cuideachadh le bhith a' leasachadh 's a' càradh eaglaisean, a' togail eaglaisean ùra agus a' searmonachadh bho àm gu àm cuideachd.
Ann an 1993, thill Maighstir Dòmhnallach air ais dhan dùthaich agus chaidh e gu Colaiste na Diadhachd ann an Dùn Èideann. Fhuair e fios bho choitheanal na h-Eaglaise Saoire ann an Snìosoirt san Eilean Sgitheanach ann an 1997 agus bha e a' frithealadh a' choitheanail sin gu 2008. Anns an Dùbhlachd 2008 chaidh a phòsadh ri coitheanal Eaglais Shaor Leantainneach Sgalpaigh. Tha Mgr Dòmhnallach na Mhodaràtair air an Eaglais Shaor Leantainneach. Nuair a gheibh e beagan ùine dha fhèin is caomh leis a bhith ag iasgach, a' leughadh, a' dèanamh beagan DIY agus a' cur seachad ùine còmhla ri theaghlach.

30 minutes

An t-Urr Coinneach Dòmhnallach

An t-Urr Coinneach Dòmhnallach

Broadcast

  • Sun 10 Apr 2016 21:00