Main content
Sorry, this episode is not currently available

Iain Tormod Dòmhnallach

Innes Rothach a' bruidhinn ri Iain Tormod Dòmhnallach mun àit' aig teicneòlas na bheatha. Innes Munro talks to John Norman MacDonald about technology and its role in his life.

Tha teicneòlas conaltraidh a-nis sa h-uile h-àite. Tha e nar làmhan ge bith càit' a bheil sinn - aig an taigh, ag obair neo còmhla rinn air làithean-saora. Ach ciamar a tha daoine a' cur an teicneòlas seo gu feum is dè a' bhuaidh a tha e toirt air am beatha?

Sa phrògram seo, tha Iain Tormod Dòmhnallach a' tadhal air Innes Rothach. Tha e ag innse dha mu na tursan aige thall thairis, mar a thug turas do chladh buaidh mhòr air, mar is toigh leis a bhith a' togail dhealbhan de eòin is nàdar agus mar a tha e a' faighinn leabhraichean ann an cruth didseatach an-asgaidh. Tha e cuideachd ag innse mun a' mhiann a bh' aige - agus a th' aige fhathast - a bhith na mharaiche ach mar a chaidh an cothrom a dhiùltadh dha.

30 minutes

Last on

Sun 17 Apr 2016 13:00

Broadcasts

  • Mon 11 Apr 2016 12:00
  • Mon 11 Apr 2016 22:00
  • Sun 17 Apr 2016 13:00