Main content

Episode 13

Episode 13 of 15

Prògram do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig le Iain Urchardan. John Urquhart guides learners through some of the intricacies of the Gaelic language.

A bheil sibh ag ionnsachadh Gàidhlig? A bheil sibh feumach air misneachd gus ur Gàidhlig a chleachdadh? Ma tha, 's ann dhuibhse a tha Beag air Bheag, sreath gu sònraichte do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig.

Gach seachdain treòraichidh Iain Urchardan sibh tro chòmhraidhean agus tro aithrisean a bhios feumail dhuibh nur n-ionnsachadh. Beag air bheag, cuiridh sibh ri ur comasan ann a bhith a' bruidhinn Gàidhlig.

Sa phrògram seo, tha Iain a' còmhradh ri neach-ionnsachaidh na seachdain, Rona Hyslop à Gleann Rathais ann am Fiofa, agus a' cluinntinn mu a roghainn-ciùil agus tha an t-Ollamh Michel Byrne a' toirt thugaibh Oisean a' Ghràmair.

Cluinnear cuideachd earrann bho "Laithean Geala" le Murchadh MacLeòid nach maireann - leabhar beag snog air an robh clann sgoile air feadh Alba a bha fileanta ann an Gàidhlig eòlach aig aon àm - air a leughadh le Catrìona Mhoireach, agus bidh Ruairidh MacIlleathainn a' toirt sùil eile air ainmean-àite na h-Alba.

In the thirteenth programme in this series for Gaelic learners, John Urquhart guides learners through the intricacies of Gaelic language, dialects, idioms and sayings and chats to learner of the week, Rona Hyslop from Glenrothes, about her learning experience. Gaelic grammar help is on hand with Dr Michel Byrne of Glasgow University who uses materials from the ѿý archives to illustrate some of the complexities of the language.

Also in this week's programme, listeners can enjoy another chapter from "Laithean Geala" - Murdo Macleod's charming book which was at one time well-known to Gaelic-speaking schoolchildren throughout the country - read by Catriona Murray, and Roddy MacLean, whom many listeners will know from "Litir do Luchd-ionnsachaidh" will take a closer look at some of Scotland's Gaelic placenames.

Supporting materials for the series can be found at bbc.co.uk/radionangaidheal.

Available now

56 minutes

Last on

Sun 26 Sep 2021 10:30

Tar-sgrìobhadh: Siubhal gu Seachd

Le Niall Iain Dòmhnallach


Niall Iain: St. Jakob-Park, sin far a bheil an geama eadar Liverpool agus Sevilla, an cuairt dheireannach de chupa Eòrpa, er Europa, a’ tachairt a-nochd sin anns an Eilbheis, agus sin far a bheil FC Basle, no Basel, a’ cluich.


Bha mi anns a’ bhaile sin an-uiridh – mun àm seo an-uiridh, cha mhòr – bha mi air chuairt air mo bhaidhsagal air feadh na Roinn Eòrpa agus chaidh mi tron Eilbheis agus ’s e dùthaich uabhasach laghach, uabhasach glan a th’ ann, feumaidh mi ràdh, ach Basle, Basel, àite laghach a bh’ ann cuideachd. Co-dhiù, cumaidh sinn sùil air a’ ghèam’ a tha sin – uill cha chum sinn sùil air, air sgàth ’s bidh sinn far an àidhear nuair a thòisicheas e – tha e a’ tòiseachadh aig cairteal gu h-ochd.


Latha rudeigin riaslach air a bhith agamsa, ma dh’fhaoidte gu bheil sibh ag aithneachadh sin – dìreach rudan beaga bìodach a’ cur dragh orm tron latha, eil fhios agad? A’ dràibheadh is tha daoine anns an rathad ort agus bha mi aig toll anns a’ bhalla a’ faighinn airgead a-mach às a’ bhanca, ’s bha fear air mo bheulaibh. Tha mi smaointinn gu robh e a’ cleachdadh a h-uile goireas a bha ri fhaighinn air an inneal a bha sin, eil fhios agad?


Bha e a’ faighinn cunntas, bha e a’ toirt sùil air na h-accounts eadar-dhealaichte, bha e dìreach a’ bruthadh nam putan fad na h-ùine; chan fhaod thu sin a dhèanamh. Ma tha thu a’ dol chun an toll anns a’ bhalla, no fiù ’s a bhith coimhead a bheil airgead agad ann, tha thu dìreach a’ bruthadh nam putan ’s an uair sin, ma chluinneas tu rrrrrrrrrr – deagh nàidheachd! Thoir leat d’ airgead agus a-mach à seo leat – ’s ann mar sin a tha e ag obair, tha mi toilichte a ràdh. Sin tha mise a’ dèanamh, co-dhiù. Gu mì-fhortanach, chan ann tric na làithean-sa tha mi cluinntinn rrrrrrr, ach co-dhiù, cumaidh mi orm a’ feuchainn.

Tar-sgrìobhadh: Làithean Geala 13

“Teannaibh Dlùth is Togaibh Fonn”


Cha robh bodach cuagach a ghluaiseadh gun bhat aige nach do rinn air sgoil Choir an t-Sìthein air feasgar Dimàirt, agus cha robh na cailleachan air dheireadh cuideachd. Abradh sibhse gu robh iad air an spleogaigeadh, is faileas às na brògan aca a dhalladh na sùilean agad nam bitheadh tu a’ coimhead orra ro fhada.


Cha b’ e na seann daoine a-mhàin a thòisich a’ cruinneachadh aig an sgoil aig leth-uair an dèidh seachd am feasgar ud. Bha iad ann às gach ceàrn den sgìre, eadar sean is òg, agus a h-uile duine bha sin agus leth-chrùn aige na dhòrn. Co-dhiù, chan fheumadh a phòca a bhith falamh, oir bha dithis ghillean tapaidh a’ togail an airgid aig an doras, agus is e fear gu math sleamhainn, seòlta a gheibheadh seachad air an dithis ud gun a leth-chrùn a phàigheadh. Cha robh duine a’ faighinn a-steach an-asgaidh - ged a thigeadh Diùc Dhùn-Èideann fhèin - (chan e gu bheil esan seòlta), dh’fheumadh e a sporan fhosgladh! Bha uair a bha na gillean seo ann an sgoil Choir an t-Sìthein - “an uair a bha sinn beag”, bidh iad fhèin ag ràdh. (Mas fhìor gu bheil iad a-nis cho mòr - tha iad ann an sgoil Shanndaisgeir fhathast.)


Is e Eachann Mòr, am marsanta, a chuir fàilte air a’ chuideachd, agus is ann dha fhèin a thigeadh a dhol an ceann cèilidh. Bha e làn de naidheachdan beaga, èibhinn, agus cha robh duine a-staigh nach robh lag a’ gàireachdainn aige mus robh an oidhche seachad. Chòrdadh Eachann ri duine sam bith, ach is e a chòrd riutha buileach ach a’ chlann fhèin. Cò shaoileadh gun cumadh na gillean agus na nigheanan òga seo cèilidh a’ dol bho ochd uairean gu leth-uair an dèidh deich! Agus cò chanadh gum bitheadh na h-òganaich bheaga seo a tha – mar is trice, co-dhiù - cho socair, stòlda anns an sgoil, a-nis cho tapaidh air beulaibh muinntir na sgìre air fad!


Bha corra dhuine nam measg a bha car beag diùid, gun teagamh, ach aon uair ’s gun do sheas iad air an stèidse, thàinig na guthan aca a-mach cho cruaidh agus nach mòr nach tug iad mac-talla nan creag air sparran na sgoile.


“Cha tigeadh na seinneadairean as fheàrr a bha riamh aig Mòd suas riutha seo", ars Eachann Mòr, an uair a bha a’ chuideachd a’ sgaoileadh, agus cha robh duine an làthair a chanadh gu robh e ceàrr.


A. Cha dèan e cron sam bith ort na ceistean seo a fhreagairt - ma nì thu sin gu math!
1. Cò an fheadhainn a thàinig chun na sgoile?
2. Cò às a thàinig iad?
3. Dè thug iad leotha?
4. Cò dha a thug iad seo?
5. Ciamar a bhitheas duine an uair a bhitheas e air a spleogaigeadh?
6. Is cinnteach gum bi thu fhèin mar sin cuideachd aig amannan - cuin?
7. Cuin a thòisich a’ chuirm-chiùil, agus cuin a sguir i?
8. Cò bhitheas air cheann nan cèilidhean anns an sgìre agaibh fhèin?
9. Dè an t-ainm eile bhitheas againn air fear a bhitheas air cheann cèilidh?
10. Carson a chòrd a’ chùis ris an fheadhainn a bha aig a’ chèilidh an oidhche ud?
11. Carson a bha iad a’ gàireachdainn?
12. Innis aon rud (no ma thogras tu, dà rud) a thug gàireachdainn ort fhèin a-riamh.
13. Ma chuala tu riamh mac-talla nan creag, innis càit an cuala tu e.
14. Carson a bha Eachann Mòr a’ moladh na cloinne?
15. Dè bhitheas Eachann a’ dèanamh an uair nach bi e aig na cèilidhean?


B. Feuch am faigh thu grèim air na facail seo - agus feuch nach leig thu às iad!
1. An rud nach eil fada, is ann .... a tha e.
2. Chan eil e òg idir, ach gu math ....
3. Bha an oidhche dorcha, ach dheàlraich an solas, agus dh’fhàs i ....
4. Tha an rathad mòr rèidh, ach tha rathad na beinne ....
5. Bha an talamh bog gus an tàinig an reothadh agus dh’fhàs e ....
6. Mura bithinn cho luath riutsa, cha bhithinn ach gu math ....
7. An duine nach eil glic, is ann .... a tha e.
8. Chan ann spìocach idir a tha an gille sin ach gu math ....
9. Tha a’ bheinn àrd, ach tha a’ mhachair ....
10. “Am fear nach cuir ri latha .... cha bhuain latha ....


C. An tuig, an tuig, an tuig thu fhèin dè tha an t-uaireadair ag ràdh? Innsidh na figearan seo dhut e, ach tha agad fhèin ri innse ann an Gàidhlig.
(a) 2.30 (b) 1p.m. (c) 5 a.m. (d) 12.10 (e) 11.15 (f) 9.20 (g) 9.35 (h) 4.5 (i) 2.50 (l) 4.30 (m) 6.10 (n) 7.15 (o) 7.45 (p) 4.40 (r) 2.55

A. Abair a-nis gun tàinig ort fhèin àite Eachainn Mhòir a ghabhail. Dè an naidheachd èibhinn a dh’ innseadh tusa?

Tar-sgrìobhadh: Leugh an Leabhar

Nightblind


Mark: Agus airson prìomh leabhar na mìos, tha sinn a’ siubhal gu tuath, chun a’ bhaile as fhaide tuath ann an Innis Tìle far a bheil Nightblind le Ragnar Jonasson suidhichte – an dàrna nobhail ann an sreath de leabhraichean eucoir a tha Jonasson a’ sgrìobhadh fon a’ bhratach “Dark Iceland.” Uill, tha e coltach nach eil crìoch air an ùidh a th’ againn ann an Nordic Noir, is saoil an robh na h-aoighean agam air an dalladh le Nightblind? Mhàiri NicAmhlaigh agus Iain Chaimbeul, fàilt’ air an dithis agaibh. A Mhàiri, a bheil thu fhèin tric a’ leughadh “Nordic Noir?”


Màiri : Uill, chan eil. Tha mi smaoineachadh, mar as aosta, agus tha mi cho aosta ri na bruthaichean a-nis – g’ eil leabhraichean anns a bheil eucoir, gu bheil iad a’ dèanamh dragh dhomh, nach eil mi airson, eil fhios agad, a bhith a’ dol ... m’ inntinn dol tron an ùpraid tha seo, ged a tha mi air a’ chuid as motha ac’ fhaicinn air an telebhisean. Chan eil fhios a’m a bheil e nas fharast’ èirigh bhon a sin ’s copan teatha a dhèanamh. Ach anns a’ bhad, tha e stèidhichte ann am baile beag, Siglufjörður shuas ann an ceann a tuath Innis Tìle. Agus tha mi smaoineachadh gu bheil fios aig a h-uile duine dìreach man a tha an t-sìde ann a shin.

Sùil air a' Mhapa 13

An innis ainmean-àite dhuinn mu mar a bha ainmhidhean air an sgapadh anns an t-seann aimsir? O chionn ceithir bliadhna, chaidh obair inntinneach fhoillseachadh mu iolairean. Bha an luchd-rannsachaidh a’ toirt sùil air ainmean-àite anns a bheil am facal ‘iolaire’.


Tha trì seòrsaichean iolairean ann an Alba – an iolaire bhuidhe ‘golden eagle’, an iolaire-mhara ‘sea eagle’ agus an iolaire-iasgaich ‘osprey’. Ge-tà, ann an ainmean-àite, chan eil ann ach ‘iolaire’. Chan eil an t-ainm ag innse dè an seòrsa a th’ ann. Seo eisimpleir no dhà: Beinn na h-Iolaire ‘the mountain of the eagle’ ann am Muile, Càrn na h-Iolaire ‘the hill of the eagle’ ann am Moireibh agus Creag na h-Iolaire ‘the crag of the eagle’ ann an Siorrachd Pheairt. Ach dè an iolaire a tha iad ag ainmeachadh?


Chan eil fios le cinnt gu bheil an iolaire iasgaich air a h-ainmeachadh air a’ mhapa. Tha taghadh againn, ma-thà, eadar an iolaire-bhuidhe agus an iolaire-mhara. Thug an luchd-rannsachaidh sùil air gach ainm-àite. Nuair a bha e àrd agus fad’ air falbh bho uisge, ’s e an iolaire-bhuidhe a bh’ ann. Gu h-ìosal, agus faisg air a’ mhuir no air loch, b’ e sin an iolaire-mhara. Agus thug iad sùil air a h-uile cànan anns an dùthaich, a bharrachd air a’ Ghàidhlig.


Agus dè an cò-dhùnadh a bh’ aca? Uill, tha ainmean-àite iolairean pailt. Anns a’ bhliadhna còig ceud an dèidh Chrìosda, bha iolairean beò anns a h-uile sgìre de dh’Alba bho na Crìochan gu Sealtainn. Mar sin leibh.

Oisean a’ Ghràmair 13: Notaichean

1. Dùthchannan (Countries)


Niall Iain Dòmhnallach (‘Siubhal gu Seachd’):
“Sankt Jacob-Park, sin far a bheil an geama eadar Liverpool agus Sevilla (a’ chuairt dheireannach de chupa Europa) a’ tachairt a-nochd – sin anns an Eilbheis.”
“Sankt Jacob-Park, that’s where the game between Liverpool and Seville (the last round of the Europa cup) is happening tonight – that’s in Switzerland.”


A’ Chuimrigh ‘(the) Wales’
An Eadailt ‘(the) Italy’
An Eilbheis ‘(the) Switzerland’
An Fhraing ‘(the) France’
A’ Ghearmailt ‘(the) Germany’
A’ Ghrèig ‘(the) Greece’
An Ostair ‘(the) Austria’
An Tuirc ‘(the) Turkey’
An t-Suain ‘(the) Sweden’
An Eòrpa / An Roinn Eòrpa ‘(the) Europe’


Ach: Alba, Sasainn, Èirinn


Is toil leam an Eadailt. ACH Is toil leam Èirinn.
‘I like the Italy.’ ‘I like Ireland.’
Tha mi às a’ Chuimrigh. ACH Tha mi à Alba.
‘I’m from the Wales.’ ‘I’m from Scotland.’
Thèid sinn dhan Ghearmailt. ACH Thèid sinn a Shasainn.
‘We’ll go to the Germany.’ ‘We’ll go to England.’


Niall Iain Dòmhnallach (‘Siubhal gu Seachd’):
“Bha mi air chuairt air mo bhaidhsagal air feadh na Roinn Eòrpa agus chaidh mi tron Eilbheis.”
“I was touring on my bicycle all over Europe and I went through Switzerland.”


air feadh + ginideach (genitive):
air feadh na Roinn Eòrpa ‘all over Europe, throughout Europe’
air feadh na Frainge ‘all over France’
air feadh na Gearmailt ‘all over Germany’
air feadh na Suain ‘all over Sweden’
air feadh na dùthcha ‘all over the country’


2. Sùil air ais: AN TRÀTH TEACHDAIL (The Future Tense)


Niall Iain Dòmhnallach (‘Siubhal gu Seachd’):
Tha thu dìreach a’ bruthadh nam pùtan, ’s an uair sin, ma chluinneas tu rrrrrrrrrr – deagh nàidheachd!”
“You just push the buttons, and then, if you hear rrrrrrrrrr – good news!”


Ach co-dhiù, cumaidh mi orm a’ feuchainn.” “But anyway, I’ll keep on trying’


Bithidhmi air falbh. ‘I’ll be away.’
ACH
Ma bhitheas mi air falbh ‘If I’m away’


òԲ mi dhachaigh. ‘I’ll phone home.’
ACH
Ma ’fòԲ mi dhachaigh ‘if I phone home’


Cuiridh mi teacsta. ‘I’ll send a text.’
ACH
Ma chuireas mi teacsta ‘If I send a text’


Cluinnidh tu fuaim. ‘You’ll hear a noise.’
ACH
Ma chluinneas tu fuaim ‘If you hear a noise’


Cumaidh sinn oirnn a’ feuchainn. ‘We’ll keep on trying.’
ACH
Ma chumas sinn oirnn a’ feuchainn ‘If we keep on trying’


Cumaidh mi orm ‘I’ll keep on, I’ll continue’
Cumaidh tu ort ‘You’ll keep on, continue’
Cumaidh e air / Cumaidh i oirre ‘He’ll / She’ll keep on’
Cumaidh sinn oirnn ‘We’ll keep on’
Cumaidh sibh oirbh ‘You’ll keep on’
Cumaidh iad orra they’ll keep on’


Cùm ort! ‘Keep going!’


Cumaidh iad orra a’ feuchainn. They’ll keep on trying.


Tha mi an dòchas gun cùm sibh oirbh ag èisteachd ri Beag air Bheag agus gun cùm sibh oirbh a’ cleachdadh ur Gàidhlig.
‘I hope (that) you’ll carry on listening to Beag Air Bheag and that you’ll keep on using your Gaelic.’


Abairt na Seachdain

Bu dual do dh'isean an ròin dol chun na mara

Broadcasts

  • Sun 12 Jun 2016 21:30
  • Wed 15 Jun 2016 12:00
  • Wed 15 Jun 2016 22:00
  • Sun 19 Jun 2016 10:30
  • Sun 25 Sep 2016 21:30
  • Wed 28 Sep 2016 12:00
  • Wed 28 Sep 2016 22:00
  • Sun 2 Oct 2016 10:30
  • Sun 19 Sep 2021 21:30
  • Wed 22 Sep 2021 12:00
  • Wed 22 Sep 2021 22:00
  • Sun 26 Sep 2021 10:30

Podcast