Main content
Sorry, this episode is not currently available

Seirbheis còmhla ri Siùsaidh NicDhonnchaidh, oileanach san Eaglais Bhaisteach

Seirbheis còmhla ri Siùsaidh NicDhonnchaidh, oileanach san Eaglais Bhaisteach. Suzie Roberts, student with the Baptist Church, conducts her first Gaelic service.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na laoidhean a leanas a thàinig bhon an CD Seinneamaid Còmhla :

A' seinn 'Is Tusa Facal Dhe' bha Anna Catriona NicDhòmhnaill.
Chaidh 'O airson Ceum nas Nas Dlùithe do Dhia' a sheinn le Coitheanal Eaglais Chille Mhoire is Steinnseil de dh'Eaglais na h-Alba.
A' seinn ' 'S e Dia Mo Bhuachaille' tha buidheann Seinneamaid Còmhla ann an Stafainn.
Sheinn Na Brogues 'Thig A Dhè Uile Bheannachd agus Dèan Dhòmhsa Tuigse'.

Leughadh: Eòin 1: 1-18

Thàinig Siùsaidh NicDhonnchaidh (no Siùsaidh Algie, mar a bh' oirre mus do phòs i) dhan Eilean Sgiathanach bho chionn 25 bliadhna nuair a bha i sia bliadhna deug. Dh'ionnsaich i Gàidhlig aig Ard-sgoil Phort Rìgh, 's chaidh i an uair sin gu Sabhal Mòr Ostaig. Bha i na neach-naidheachd air telebhisean agus rèidio airson ochd bliadhna deug, ag obair air prògraman leithid Telefios air Telebisean Grampian agus Eòrpa is Aithris na Maidne air a' BhBC. Ghluais a Shasainn ann an 2002 agus phòs i Mìcheal ann an 2005. Dìreach bliadhna às dèidh dhi pòsadh thàinig aillse broillich oirre, ach fhuair i seachad air.

Tha Siùsaidh air a bhith na Crìosdaidh fad 38 bliadhna, agus tha i ag ràdh "gu bheil Dia air rudan mìorbhaileach a dhèanamh na beatha". Tha i fhèin agus an duine aice, Mìcheal, a-nise a' fuireach ann an Lunnainn cho fad 's a tha Siùsaidh a' trèanadh airson na ministrealachd san Eaglais Bhaisteach aig Colaiste Spurgeon.

30 minutes

Last on

Sun 25 Sep 2016 15:00

Siùsaidh NicDhonnchaidh

Siùsaidh NicDhonnchaidh

Broadcasts

  • Sun 26 Jun 2016 09:00
  • Sun 26 Jun 2016 15:00
  • Sun 25 Sep 2016 09:00
  • Sun 25 Sep 2016 15:00