
Episode 102
Gilleasbuig MacDhòmhnaill ag aithris air Blà r an Somme a thòisich air 1d den Iuchair 1916. Gilleasbuig MacDonald describes the first day of the Battle of the Somme.
Dh'aontaich Breatainn is an Fhraing trà th ann an 1916 ionnsaigh a thoirt eatarra air trainnsichean na Gearmailt aig Abhainn Somme an ceann-a-tuath na Frainge: bha iad an dòchas gu h-à raidh gun toireadh seo air na Gearmailtich saighdearan a tharraing air ais à Verdun, far an robh Arm na Frainge a' fulang call-beatha mòr.
Bha na gunnaichean-mòra aca air a bhith losgadh air loidhne na Gearmailt fad seachdain ron ionnsaigh ach bha a' chuid mhòr de na Gearmailtich fo dhìon ann an tunailean là idir. Mar sin cha do rinn na seilichean uimhir millidh 's a bha dùil ach thug iad rabhadh dha na Gearmailtich gu robh ionnsaigh a' tighinn is rinn iad deiseil air an son.
Thòisich an ionnsaigh aig 0730 air 1d den Iuchair, le Arm Bhreatainn a' gluasad air adhart air taobh tuath an Somme is na Frangaich gu deas.
Thà inig saighdearan na Gearmailt às na tunailean cho luath 's a thachair sin is thòisich iad a' losgadh nan gunnaichean-luath aca. Chaidh milleadh mòr a dhèanamh air saighdearan Bhreatainn gu h-à raidh is b' eudar dhaibh mu dheireadh tilleadh dha na trainnsichean aca.
Cluinnidh sinn aig Gilleasbuig MacDhòmhnaill mar a thachair.
Last on
More episodes
Clip
-
Seachdain sa Chogadh 070716
Duration: 10:00
Broadcasts
- Thu 7 Jul 2016 21:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Fri 8 Jul 2016 11:50ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 10 Jul 2016 21:20ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal