
Tasglann: Aifreann Sgoil Chiùil Shamhraidh aig Ceòlas 2015
An Canan D MacAoidh le aifreann mar phà irt dhan Sgoil Chiùil Shamhraidh aig Ceòlas 2015. Canon Donald MacKay with the twentieth anniversary mass from Ceolas summer school.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na leanas:
'S e Còisir Naomh Peadar a tha os cionn na seinn ach an salm a-mhà in, a tha air a sheinn le Mà iri NicAonghais.
Leughaidhean:
Leabhar Eseciel 2: 2-5
Corintianaich 12: 7-10
Marcus 6: 1-6
A' leughadh bha Seasaidh Steele agus Mà iri NicAonghais. A' cluich nan innealan-ciùil bha Patsy Seddon, Howie Dòmhnallach agus Pauline NicDhòmhnaill.
Bha fichead bliadhna ann a uiridh bho chaidh Sgoil Chiùil Cheòlas a stèidheachadh ann an ceann a deas Uibhist. Tha an sgoil chiùil stèidhichte an teis meadhan na coimhearsnachd a' brosnachadh nan ceanglaichean sònraichte eadar ceòl, dannsa agus seinn. Bidh an sgoil chiùil a' tòiseachadh gach bliadhna le aifreann Ghà idhlig ann an Eaglais Naomh Peadar ann an Dalabrog. 'S e an Canan Dòmhnall MacAoidh a tha air a bhith os cionn an aifreann airson iomadach bliadhna agus tha e fhèin gu mòr an sàs ann a bhith toirt taic is cuideachadh do Cheòlas thar nam bliadhnaichean.