
Episode 104
Blà r Coille Delville : feachdan Afraga a Deas a' sabaid air a' Western Front. The Battle for Delville Wood begins with South African forces in action on the western front.
Air an 16mh den Iuchair 1916 thòisich am batal airson Coille Delville no Bois d'Elville aig an Somme. Mar phà irt dhen iomairt airson smachd fhaighinn air Bazentin Ridge bha commandair nam feachdan Co-chòmhraigeach, an Seanaral Dùghlas Haig, airson pìos coille a ghabhail thairis eadar Delville agus Bazentin le Petit.
Bha an iomairt soirbheachail ach cha b' ann gun phrìs. B' e seo a' chiad thuras a bha feachdan bho Afraga a Deas air sabaid air a' Western Front agus, còmhla ris an Naoitheamh Roinn Albannaich, dh'fhuilingeadh iad gu mòr sna là ithean 's na seachdainean a bha ri thighinn. Tha aithris air na thachair aig Gilleasbuig MacDhòmhnaill dhuinn.
Aig an taigh, le geamhradh eile air fà ire, bha sanasan a nochdadh sna pà ipearan naidheachd ag iarraidh barrachd aodach a bh' air fhighe, gus tomhas de bhlà ths is cofhartachd a chumail ris na saighdearan sna mìosan fuara, geamhraidh a bha romhpa. Bha cuideachd uiread de dhroch amharas air coigrich a' gluasad timcheall na dùthcha 's gun deach bacadh a chur daoine bho bhith a' siubhal chun na Gà idhealtachd. Gu dearbh mar a chaidh a shanas anns an Ross-shire Journal bha na h-ùghdarrasan a stèidheachadh sgìre airm ùr mu thuath.
Last on
More episodes
Clip
-
Seachdain sa Chogadh 210716
Duration: 10:00
Broadcasts
- Thu 21 Jul 2016 21:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Fri 22 Jul 2016 11:50ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal