Main content
Sorry, this episode is not currently available

An t-Urr Uilleam MacLeòid, Eaglais na h-Alba, Ùige, Leòdhas

Seirbheis bho 1991 còmhla ris an Urr Uilleam MacLeòid, Eaglais na h-Alba, Ùige, Leòdhas. A 1991 archive Gaelic service conducted by Rev William Macleod, Church of Scotland, Uig.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:

Salm 100: 4-5 air fonn St David agus ‘s e Aonghas MacIllEathain a tha os cionn na seinn.
Salm 20: 5-6 air fonn Montrose agus ‘s e Iain Eachann MacLeòid a tha os cionn na seinn.
Salm 16: 5-7 air fonn Moravia agus ‘s e Coinneach Aonghas MacAoidh a tha os cionn na seinn.
Chaidh an t-seinn air fad a chlàradh ann an Eaglais na h-Alba an Ùige, Leòdhas.

Leughadh: Ecsodus: 33: 19-23
Ceann-teagaisg: Ecsodus: 33:14

Bha Mgr MacLeòid na mhinistear air coitheanal Eaglais na h-Alba an Ùige Leòdhais airson còrr air dà fhichead bliadhna. Tha e fhèin 's a bhean Mairead Anna air gluasad air ais dhan bhaile far do rugadh agus na thogadh an dithis aca ann am Barabhas. Tha Mgr MacLeòid corr air ceithir fichead 's a deich agus tha e fhathast ri chluinntinn a' searmonachadh an-dràsta 's a-rithist.

Chaidh Mgr MacLeòid iompachadh ann an 1949 nuair a bha dùsgadh spioradail ann an Leòdhas. Chaidh e dhan oilthigh ann an Glaschu agus Obar Dheathain a leantainn dreuchd na ministearalachd.

Ghabh e thairis a' chiad choitheanail aige ann am Beinn na Fadhla ann an 1957 far an do chuir e seachad seachd bliadhna. Fhuair e gairm bho choitheanal Ùige ann an Leòdhas ann an 1964 agus shearmonaich e anns an sgìre sin airson còrr air dà fhichead bliadhna.

30 minutes

An t-Urr Uilleam MacLeòid

An t-Urr Uilleam MacLeòid

Broadcasts

  • Sun 14 Aug 2016 21:00
  • Sun 18 Oct 2020 21:00
  • Sun 5 Mar 2023 21:00