Main content
Sorry, this episode is not currently available

An àireamh de thachartasan cunnartach air bòrd nan itealan air a dhol suas

Ciamar a ghabhas an àireamh de thachartasan cunnartach air bòrd itealain a lùghdachadh? Coinneach MacIomhair asks what can be done to prevent air rage incidents aboard UK flights.

Tha fiosrachadh bhon CAA a' sealltainn gu bheil an àireamh de thachartasan cunnartach air bòrd phlèanaichean na dùthcha air a dhol an àird. An uiridh chaidh 386 a chlàradh an taca ri dìreach 85 ann an 2013. Dè a tha air cùlaibh an àrdachadh seo agus a bheil dòigh ann air na h-àireamhan a lùghdachadh airson sàbhailteachd an luchd-siubhail?

Aig toiseach na mìos a tha romhainn, cluinnidh sinn cò a fhuair an duais bhliadhnail, Duais Dhòmhnaill Mheek, a tha 's a' toirt seachad airson sgrìobhadh ùr Gàidhlig. Gheibh sinn a-mach mu na buannachdan a tha a' tighinn an cois duaisean litreachais.

Chaidh a' film ùr A United Kingdom fhoillseachadh an t-seachdain 'sa chaidh aig Fèis Filmichean Eadar-Nàiseanta Thoronto. 'S ann mu bheatha agus sgeulachd gaoil Seretse Khama, duine dubh à Bechuanaland ann am Botswana ann an Afraga a Deas agus an Sasannach Ruth Williams a tha a' film. Dh'adhbharaich an càirdeas eadar duine dubh is boireannach geal aimhreit eadar teaghlaichean agus saoghal poilitigs na h-ama. Tha Murchadh Peutan, a bha uaireigin a' fuireach ann an Afraga a Deas, air a bhith a' rannsachadh eachdraidh na sgeòil. bbc.co.uk/coinneach.

57 minutes

Broadcasts

  • Wed 21 Sep 2016 09:00
  • Wed 21 Sep 2016 21:00