Main content
Sorry, this episode is not currently available

1. Na làithean deireannach

Sreath a' beachdachadh air a' bhàs a tha na cheann-uidhe aig gach duine againn. A series reflecting on death which is the ultimate fate for us all.

Mar a thubhairt am bàrd Dòmhnall Iain Dòmhnallach à Uibhist a Deas 'tha crìoch is deireadh air choireigin a' feitheamh oirnn uile, cuin no càite no ciamar chan eil fios againn, marsin cha dèan e cron sam bith oirnn cumail cuimhne gun tig an latha a ruigeas sinn an gàrradh-crìche far am bi geata Tìr nan Òg fosgailte romhainn'. Anns an t-sreath seo 's ann air a' cheann-uidhe sin a tha Jo NicDhòmhnaill a' beachdachadh. Bidh i bruidhinn ri dotairean is euslaintich, ri daoine tha caoidh is ri daoine a tha a' toirt taic dhaibh. Cluinnidh sinn mar a tha cleachdaidhean air atharrachadh thairis nam bliadhnaichean agus mar tha daoine a' dèiligeadh ris a' bhàs gu pearsanta agus gu pròifeiseanta.

Anns a' chiad phrògram tha Jo a' coimhead air na làithean deireannach, agus an Dotair Catrìona NicRath a' mìneachadh mar a tha dotairean a' briseadh an naidheachd nach eil an còrr ann a ghabhas dèanamh a thaobh leigheas. Tha an dotair cuideachd a' beachdachadh air cùram deireadh beatha agus ag innse dè dìreach a tha tachairt dhan chorp aig àm bàis. Tha Mgr Dòmhnall MacAoidh ag innse mu obair sagairt far a bheil bàs nàdarra agus bàs obann, agus innsidh an t-Urramach Iain Mac A' Ghobhainn mu obair ministeir san ospadal nuair tha daoine bochd.

Cluinnidh sinn mun chùram deireadh beatha a tha ri thabhainn ann an ospaisean leithid Bethesda ann an Steòrnabhagh agus gheibh sinn comhairle bhon Dotair Sìne NicAonghais a thaobh dìleaban beò a tha àireamh bheag aig an ìre seo a' roghnachadh mar stiùireadh sgrìobhte a dh'fhaodar a dheasachadh a thaobh a' chùraim a tha iad ag iarraidh ma thig tinneas bàsmhòr orra.

30 minutes

Last on

Sun 4 Mar 2018 13:00

Mgr Dòmhnall MacAoidh agus Jo NicDhòmhnaill

Mgr Dòmhnall MacAoidh agus Jo NicDhòmhnaill

An t-Urramach Iain Mac A' Ghobhainn

An t-Urramach Iain Mac A' Ghobhainn

Alasdair MacEachainn

Alasdair MacEachainn

Broadcasts

  • Thu 27 Oct 2016 12:03
  • Thu 27 Oct 2016 22:10
  • Sun 30 Oct 2016 09:30
  • Mon 26 Feb 2018 12:00
  • Mon 26 Feb 2018 22:00
  • Sun 4 Mar 2018 13:00