
An t-Urr Coinneach Stiùbhart, Eaglais nan Clèireach Ath-Leasaichte, Glaschu
An t-Urr Coinneach Stiùbhart, Eaglais nan Clèireach Ath-Leasaichte, Glaschu. Religious service conducted by the Reverend Kenneth Stewart, Reformed Presbyterian Church.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm is an leughadh a leanas:
Salm 23: 5-6 air fonn St David agus 's e Dòmhnall Mà rtainn a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Steòrnabhaigh
Salm 16: 5-7 air fonn Moravia agus 's e Coinneach A MacAoidh a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba an Ùige, Leòdhas.
Salm 73: 25-26 air fonn Torwood agus 's e Murchadh MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Chaluim Chille ann an Dùn Èideann .
Leughadh : Lùc 10: 1-4 & 38.42
Ceann-teagaisg: Lùc 10:41-42
Rugadh 's thogadh an t-Urr Coinneach Stiùbhart ann an Griomasaigh, Uibhist a Tuath agus thà inig atharrachadh spioradail na bheatha nuair bha e ochd bliadhna deug.
Fhuair e foghlam ann an Bun-sgoil nan Ceallan agus Sgoil Phaibeil an Uibhist, Sgoil MhicNeacail an Leòdhas agus, an dèidh sin, ann an Oilthigh Ghlaschu agus Colaiste na h-Eaglaise Saoire an Dùn Èideann. Tha e pòsta aig Anna à Garrabost san Rubha agus tha còignear chloinne aca.
Tha Mgr Stiùbhart na mhinistear air coitheanal Eaglais nan Clèireach Ath-Leasaichte ann an Glaschu. Bha e roimhe sin na mhinistear air coitheanal Eaglais Shaor Dowanvale ann am Partaig, Eaglais Shaor Steòrnabhaigh, Eaglais Shaor Toronto agus Eaglais Shaor Sgalpaigh.
Last on
An t-Urr Coinneach Stiùbhart

Broadcasts
- Sun 30 Oct 2016 09:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 30 Oct 2016 15:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 20 Aug 2017 09:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 20 Aug 2017 21:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal