Sgà il a' Bhà is - Adhlacadhaidhean, òraidean molaidh agus dleastanas a' phiobaire
Sreath a' beachdachadh air a' bhàs a tha na cheann-uidhe aig gach duine againn. A series of reflections on the subject of death.
Anns an treas prògram san t-sreath Sgà il a' Bhà is còmhla ri Jo NicDhòmhnaill tha i a' beachdachadh air adhlacadhaidhean agus dleastanas gach duine a thana luib.
Tha Niall MacFhionghain agus Iain MacFhionghain à Ealghol a' cuimhneachadh air à m nuair bha e an urra ri cà irdean no muinntir a' bhaile uaigh fhosgladh. Cluinnidh sinn bho Alasdair MacEachearn agus Paddy Forbes mar tha cladhan air an ruith agus air an coimhead às an dèidh ann an diofar dhòighean, cuid a bhios le comhairle agus cuid eile a dh'fhaodas a bhith le coimhearsnachd.
Aig à m tòrraidh tha mòran againn a' cur earbsa ann an pears' eaglais airson ar cuideachadh is tha an cleachdaidhean fhèin aig coimhearsnachdan fa leth. Mar shagairt paraiste ann an Uibhist a Deas tha Maighstir Dòmhnall MacAoidh air a bhith aig iomadh tòrradh. Ach, far nach eil duine air a bhith frithealadh eaglais, s dòcha gun tionndaidh iad gu Daonnaire airson an cuideachadh. Tha Iain Howieson, a tha na bhall de Chomann Daonnairean na h-Alba, a' mìneachadh mar tha e air a thrèanadh airson a dhol air ceann sheirbheisean aig tiodhlacadh agus mar tha iad a' cur cuideam air òraidean molaidh a tha fàs nas cumanta.
Ann an cuid de sgìrean tha e cumanta cuideachd pìobaire a bhith aig tòrradh. Tha Jo a' coinneachadh ri Angusina Mhoireasdan a tha air leth èolach air a bhith a' cluiche na pìoba aig adhlacadhaidhean air feadh Uibhist a Deas, Èirisgeigh agus Barraigh.
Last on
Eòghainn MacFhionghain agus Jo NicDhòmhnaill
Eòghainn MacFhionghain
Cnoc a' Bheannachain ann an Ealghol
Paddy Forbes ann an Cladh Èirisgeigh
Alasdair MacEachainn ann an Cladh Bhaile nan Cailleach, Beinn na Fadhla
Mgr Dòmhnall MacAoidh agus Jo NicDhòmhnaill
An t-Urramach Iain Mac A' Ghobhainn
An t-Urr Dòmhnall Dòmhnallach
Iain Howieson
Angusina Mhoireasdan
Angusina Mhoireasdan aig Cladh Èirisgeigh
Broadcasts
- Thu 10 Nov 2016 12:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Thu 10 Nov 2016 22:10ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 13 Nov 2016 09:30ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Mon 19 Mar 2018 12:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Mon 19 Mar 2018 22:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 25 Mar 2018 13:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal