
Seirbheis Didòmhnaich Cuimhneachaidh le Siùsaidh NicDhonnchaidh, an Eaglais Bhaisteach
Seirbheis Didòmhnaich Cuimhneachaidh le Siùsaidh NicDhonnchaidh, an Eaglais Bhaisteach. A Remembrance Sunday service with Suzie Roberts, Baptist Church Student.
Anns an t-seirbheis an-diugh cluinnidh sibh na laoidhean a leanas:
'Dèan Mise Nam Thosgaire Dhè do Shìth' le Kathleen agus Mairi NicAonghais
Tha a' bhuidheann soisgeulach Seinneamaid Còmhla à Stafainn a' seinn na laoidhean a leanas: 'Tha Mo Chridhe Là n de Bhuidheachas' agus 'Seo Cuan Grà idh Thar Meud na Mara'.
Cluinnear cuideachd buidheann soisgeulach Thòrabhaig a' seinn 'Spiorad Naomh Dhè' agus an còmhlan soisgeulach Na Brogues a' seinn 'Thig a Dhia nan uile Bheannachd' agus 'Gabh Mo Bheatha'.
Leughadh: Marcus 15: 33-39
Ceann-teagaisg: Marcus 15: 34
Thà inig Siùsaidh NicDhonnchaidh (no Siùsaidh Algie, mar a bh' oirre mus do phòs i) dhan Eilean Sgiathanach bho chionn 25 bliadhna nuair a bha i sia bliadhna deug. Dh'ionnsaich i Gà idhlig aig Ard-sgoil Phort Rìgh, 's chaidh i an uair sin gu Sabhal Mòr Ostaig. Bha i na neach-naidheachd air telebhisean agus rèidio airson ochd bliadhna deug, ag obair air prògraman leithid Telefios air Telebhisean Grampian agus Eòrpa is Aithris na Maidne air a' BhBC. Ghluais i a Shasainn ann an 2002 agus phòs i Mìcheal ann an 2005. Dìreach bliadhna às dèidh dhi pòsadh thà inig aillse broillich oirre, ach fhuair i seachad air.
Tha Siùsaidh air a bhith na Crìosdaidh fad 38 bliadhna, agus tha i ag rà dh "gu bheil Dia air rudan mìorbhaileach a dhèanamh na beatha". Tha i fhèin agus an duine aice, Mìcheal, a-nise a' fuireach ann an Lunnainn cho fad 's a tha Siùsaidh a' trèanadh airson na ministrealachd san Eaglais Bhaisteach aig Colaiste Spurgeon.
Last on
Siùsaidh NicDhonnchaidh

Broadcasts
- Sun 13 Nov 2016 09:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 13 Nov 2016 15:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal