Main content
Sorry, this episode is not currently available

An t-Urr Ruairidh MacFhionghain, Eaglais na h-Alba 2003

Còmhla ris an Urr Ruairidh MacFhionghain nach maireann, Eaglais na h-Alba bho 2003.
An archive service from 2003 conducted by the late Rev Roddy MacKinnon, Church of Scotland.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm is an leughadh a leanas:

Salm 65: 1-2 air fonn Kilmarnock agus 's e an t-Urr Donnchadh MacFhionghain a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann am Port Rìgh.

Salm 80: 7-8 air fonn Coleshill agus 's e Domhnall T Mac a' Ghobhainn a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann am Barabhas.

Salm 16: 5-7 air fonn Moravia agus 's e an t-Urr Iain Mac a' Ghobhainn a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann an Loch nam Madadh.

Leughadh: Eòin 6: 1-15
Ceann-teagaisg: Eòin 6:5

Rugadh agus thogadh an t-Urr Ruairidh MacFhionghain ann am Bun Abhainn Eadarra sna Hearadh. Bha e ri saorsainneachd airson dusan bliadhna às dèidh an sgoil fhàgail, agus an uairsin chaidh e na mhiseanaraidh a dh'Eilean Thiriodh.

Chaidh e dhan oilthigh ann an 1968 agus às dèidh cead-searmonachaidh fhaighinn, chaidh a phòsadh ri coitheanal Dhalabroig ann an Uibhist a Deas. Bha pòsadh eile na bheatha air a' bhliadhna sin cuideachd agus bha dithis a theaghlach aca, Iain agus Rona. Fhad 's a bha e ann an Uibhist bha e cuideachd na chomhairliche aig Comhairle nan Eilean Siar a' riochdachadh sgìre a' chinn a deas. Dh'fhalbh e à Uibhist gu paraiste Lagaidh Eararaidh air taobh sear Rois.

Leig e dheth a dhreuchd ann an 1995 agus rinn e a dhachaigh ann an Drochaid Sgudail faisg air Inbhir Pheofharain. Bhàsaich an t-Urr Ruairidh MacFhionghain air 12 Faoilleach 2019 aig aois 90.

30 minutes

An t-Urr Ruairidh MacFhionghain

An t-Urr Ruairidh MacFhionghain

Broadcasts

  • Sun 20 Nov 2016 21:00
  • Sun 3 Feb 2019 21:00
  • Sun 15 Jun 2025 21:00