Main content
Sorry, this episode is not currently available

Sealladh le Donnchadh MacGillIosa agus Air an Rathad le Fionnlagh Macleòid

Na sgeulachdan Sealladh le Donnchadh MacGillIosa agus Air an Rathad le Fionnlagh Macleòid. Two short stories from acclaimed Gaelic writers Finlay Macleod and Duncan Gillies.

Tha an dithis bho bheil sinn a' cluinntinn san t-sreath seo air a bhith eòlach air a chèile fad bhliadhnaichean - thogadh iad san aon sgìre ann a Leòdhas agus tha sgrìobhadh an dithis freumhaichte a sin ged nach eil macmeanmna duine seach duine dhan cuingealachadh ris.

Anns gach prògram san t-sreath tha Sgeulachd an Duine aig Donnchadh MacGillIosa agus Fionnlagh Macleòid à sgìre Nis. Eadar an dithis tha iad air nobhailean, aithrisean eachdraidh, deilbh-chluich agus sgeulachdan chloinne a chur ri litreachas na Gàidhlig ann an tomhais nach beag. Ach 's iad sgeulachdan do dh'inbhich a th' aca seo.

Tha iad a' tighinn bhon chruinneachadh Màiri Dhall agus Sgeulachdan Eile aig Donnchadh MacGilliosa agus bho Dìomhanas aig Fionnlagh Macleòid - an dà chruinneachadh air fhoillseachadh le CLÀR bhon sgeama Ùr-Sgeul. B' e amas Ùr-Sgeul rosg Gaidhlig ùr do dh'inbhch a bhrosnachadh agus a chur an clò.

'S e amas Sgeulachd an Duine cuid de na sgeulachdan sin a sgaoileadh nas fharsaing na luchd-leughaidh, le cothrom a bhith dhan èisteachd agus dhan leantainn ann a sgrìobhadh aig an aon àm. 'S gheibh sibh sgrìobht' iad air a' làrach-lìn aig CLÀR aig clar.org.uk.

An-diugh ann a Sealladh, air a sgrìobhadh agus air a h-innse le Donnchadh MacGillIosa, tha Murchadh 's na tha e ag ràdh a' dèanamh aimhreit san dachaigh. Agus 's e saoghal nach eil idir furast' a th' aig an te ris a bheil sinn a' tachairt ann a Air an Rathad air a sgrìobhadh agus air a h-aithris le Fionnlagh Macleòid.

30 minutes

Broadcasts

  • Tue 29 Nov 2016 12:00
  • Tue 29 Nov 2016 22:00
  • Sun 4 Dec 2016 10:00