
An t-Urr Iain M Dòmhnallach, Eaglais na h-Alba air an Tairbeart
Còmhla ris an Urr Iain M Dòmhnallach, Eaglais na h-Alba air an Tairbeart. Gaelic religious service with Rev Iain Murdo MacDonald, Church of Scotland, Tarbert.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm is leughadh a leanas:
Salm 65: 1-2 air fonn Kilmarnock agus 's e Donnchadh MacFhionghuin a tha os cionn na seinn le taic bho choithional Eaglais na h-Alba ann am Port Rìgh.
Salm 102: 16-18 agus 's e Dòmhnall MacÌomhair a tha os cionn na seinn le taic bho choithional Eaglais Shaor Allt Bheithe.
Salm 93: 3-4 air fonn Torwood agus 's e Iain MacPhilip a tha os cionn na seinn le taic bho choithional Eaglais na h-Alba, Beà rnaraigh na Hearadh.
Leughadh: DÃ n Sholaimh 2: 1-17
Ceann-teagaisg: DÃ n Sholaimh 2: 8
'S ann do sgìre Bheà rnaraigh a bhuineas Iain Murchadh Dòmhnallach agus chaidh e dhan sgoil san sgìre sin mus deach e a bhaile mhòr Steòrnabhaigh son foghlam aig à rd-ìre ann an Sgoil MhicNeacail agus Colaiste a' Chaisteil.
Rugadh is thogadh Iain Murchadh air croit agus cha robh e na shrainnsear dhan obair chruaidh a bha ri dhèanamh air a' chroit. Bha obair pà irt-ùine aige còmhla ri Roinn na Tèarainteachd Shòisealta agus bha cosnadh cuideachd aige aig aon à m ann an Roinn an Fhoghlaim aig Comhairle nan Eilean Siar.
Dh'atharraich beatha Iain Murdo ann an 1989 agus fhuair e eòlas air beatha a' Chrìosdaidh agus bho thà inig an t-atharrachadh sin na bheatha, bha e faireachdainn gum bu chòir dha ceumannan eile a ghabhail agus a dhol a dh'ionnsachadh a bhith na mhinistear. Ann an 1995 chaidh e gu Colaiste na Diadhachd aig Oilthigh Obar Dheathain. Às dèidh trèanadh airson na ministrealachd, chuir e seachad mu bhliadhna gu leth aig Àrd-Eaglais Steòrnabhaigh. Ann an 2001 fhuair e gairm bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann an Nis agus bha e ann an sin gus an do ghluais e gu coitheanal an Tairbeart anns na Hearadh.
Tha Iain Murchadh pòsta aig Alison NicDhòmhnaill, an nighean a b' òige aig an Urr Alasdair Dòmhnallach (Alasdair Mhurdaig) 's a bhean, Mà iri, agus tha triùir chloinne aca.
Last on
An t-Urr Iain M Dòmhnallach

Broadcasts
- Sun 15 Jan 2017 09:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 15 Jan 2017 15:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 16 Sep 2018 09:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 16 Sep 2018 15:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal