Main content
Sorry, this episode is not currently available

1/2 Balaich a bh' ann an sgioba nam maor-chladaich ann an Dùn Thuilm

Feadhainn a bha uair ag obair còmhla, ri chèile a-rithist. An-diugh sgioba nam maor-chladaich ann an Dùn Thuilm. A reunion with former members of Duntulm Coastguard in Skye.

'S ann aig toiseach an Dàrna Cogaidh a chaidh stèisean maor-chladaich a' stèidheachadh ann an Dùn Thuilm. Tha cruth na tìre an seo le creagan àrda os cionn na mara gu math freagarrach airson na h-obrach le sealladh farsaing a-mach gu tuath air a' Chuan Sgìth. Air ceann a-muigh Rubha Hùnais, an gob as fhaide tuath san eilean, tha bothan beag aonranach na sheasamh fhathast , an 'lookout' mar a chanas iad ris anns an sgìre, far am biodh sùil dha cumail air eagal 's gun tigeadh a nàmhaid gun fhiosda. Agus beagan nas fhaide deas aig Cille Mo Luaig, tha na tha air fhàgail de na togalaichean a bha aig stèisean radar an RAF.

Tha na taighean anns an robh na h-oifigich a' fuireach ann an Dùn Thuilm aig aon àm, an-diugh nan dachannan do luchd-turais agus an t-oifigeach làn-ùine mu dheireadh a' falbh às anns na h-ochdadan. Ach mar a bha, agus mar a tha fhathast, tha sgioba saor-thoileach a' cur taic ris an t-seirbheis agus 's ann riuthasan a tha an obair sin an urra san latha-an-diugh. Thug Seumas Dòmhnallach ceathrar de 'bhalaich a' choastguard', Dòmhnall MacLeòid, Alasdair Dòmhnallach, Seumas Dòmhnallach agus Iain MacCoinnich, còmhla ann an dachaigh Iain ann an Lianacro airson cuimhneachadh air na làithean a bha iad còmhla ri chèile.

30 minutes

Broadcasts

  • Thu 9 Feb 2017 12:00
  • Thu 9 Feb 2017 22:10
  • Sun 12 Feb 2017 09:30