
An t-Urr Dòmhnall Dòmhnallach, Eaglais nan Clèireach Ath-Leasaichte, Steòrnabhagh
Còmhla ris an Urr Dòmhnall Dòmhnallach, Eaglais nan Clèireach Ath-Leasaichte, Steòrnabhagh. A Gaelic service with Rev Donald MacDonald, Reformed Presbyterian Church, Stornoway.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus leughadh a leanas:
Salm 16: 5-7 air fonn Evan agus 's e Aonghas MacAoidh a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Chà rlabhaigh
Salm 40: 1-2 air fonn St David agus 's e Ailean Guine a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor a' Chaoil
Salm 45: 10-11 air fonn Morven agus 's e Iain Eachann MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba, Ùig, Leòdhas.
Leughadh: Eabhraidhich 7: 11-28
Ceann-teagaisg: Eabhraidhich 7: 26 & 27
Rugadh Dòmhnall Dòmhnallach ann an Glaschu anns a' Mhà irt 1938. Às dèidh grunn bhliadhnaichean ann an Glaschu, ghluais an teaghlach gu baile Leumrabhagh air na Lochan ann an Leòdhas far an deach e dhan bhun-sgoil anns a' bhaile. Chaidh e gu Àrd Sgoil MhicNeacail airson foghlam aig à rd ìre agus às an sin gu Oilthigh Obar Dheathain. Nuair a bha e deiseil ann an Obar Dheathain chaidh e gu Colaiste na h-Eaglaise Saoire eadar 1960 agus 1964. Chaidh a phòsadh ri coitheanal Eaglais Shaor Chà rlabhaigh anns an Iuchair 1964 agus bha e an sin gus an do leig e dheth a dhreuchd ann an 2002, a bharrachd air grunn mhìosan a chur e seachad ann an Vancouver agus Livonia.
Phòs an t-Urr Dòmhnallach Mà iri Etta à Cà rlabhagh ann an 1968. Bha e na Mhodarà tor air Àrd Sheanadh na h-Eaglaise Saoire anns a' Chèitein 1992. Leig e dheth a dhreuchd mar mhinistear air coitheanal ann an 2002 agus tha iad a-nise air an dachaigh a dhèanamh ann an Sanndabhaig.
Tha an t-Urr Dòmhnallach an-diugh na bhall do dh'Eaglais nan Clèireach Ath-Leasaichte. Nuair a gheibh e ùine dha fhèin, 's toigh leis a bhith ag obair anns a' ghà rradh, a' coiseachd agus tha ùidh aige ann a bhith a' siubhal, ag èisteachd ri ceòl agus a' cruinneachadh leabhraichean.
Last on
An t-Urr Dòmhnall Dòmhnallach

Broadcasts
- Sun 19 Mar 2017 09:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 19 Mar 2017 15:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 2 Jul 2017 09:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 2 Jul 2017 15:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal