
Seirbheis Didòmhnaich na Cà isge le Siùsaidh NicDhonnchaidh
Siùsaidh NicDhonnchaidh bhon Eaglais Bhaisteach le Seirbheis Didòmhnaich na Cà isge. An Easter Sunday service with Suzie Roberts, Baptist Church student.
Anns an t-seirbheis seo cluinnidh sibh na laoidhean is na leughaidhean a leanas:
Alasdair Codona leis An t-Aiseiri
Ceòlraidh Ghà idhlig Ghlaschu le Moladh Dia.
Muriel Urchardan le O Nach Domhain Grà dh Grà smhor Iosa
Buidheann seinn Seinneamaid Còmhla à Tòrabhaig - Falbh 's Inns' e air na Slèibhtean
Buidheann seinn Seinneamaid Còmhla ann an Stafainn - Tha 'n Cruthachadh mar Òran Dhè
Leughaidhean: Eòin 1: 10-18
Eòin 20: 24-29
Eòin 21: 15-17
Thà inig Siùsaidh NicDhonnchaidh (no Siùsaidh Algie, mar a bh' oirre mus do phòs i) dhan Eilean Sgiathanach bho chionn 25 bliadhna nuair a bha i sia bliadhna deug. Dh'ionnsaich i Gà idhlig aig Ard-sgoil Phort Rìgh, 's chaidh i an uair sin gu Sabhal Mòr Ostaig. Bha i na neach-naidheachd air telebhisean agus rèidio airson ochd bliadhna deug, ag obair air prògraman leithid Telefios air Telebisean Grampian agus Eòrpa is Aithris na Maidne air a' BhBC. Ghluais i a Shasainn ann an 2002 agus phòs i Mìcheal ann an 2005. Dìreach bliadhna às dèidh dhi pòsadh thà inig aillse broillich oirre, ach fhuair i seachad air.
Tha Siùsaidh air a bhith na Crìosdaidh fad 38 bliadhna, agus tha i ag rà dh "gu bheil Dia air rudan mìorbhaileach a dhèanamh na beatha". Tha i fhèin agus an duine aice, Mìcheal, a-nise a' fuireach ann an Lunnainn cho fad 's a tha Siùsaidh a' trèanadh airson na ministrealachd san Eaglais Bhaisteach aig Colaiste Spurgeon.
Bidh i deiseil anns a' cholaiste anns an Ògmhios agus an uairsin gheibh i cead searmonachaidh anns an Iuchar. Tha Siùsaidh gu bhith stèidhichte ann an Dorset às dèidh sin far am bi paraiste aice dhi fhèin.
Last on
Siùsaidh NicDhonnchaidh

Broadcasts
- Sun 16 Apr 2017 09:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 16 Apr 2017 15:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal