Main content
Sorry, this episode is not currently available

An t-Urr Iain Mac a' Ghobhainn, ministear Eaglais Shaor Leantainneach na Hearadh

Seirbheis còmhla ris an Urr Iain Mac a' Ghobhainn, Eaglais Shaor Leantainneach na Hearadh Gaelic service conducted by Rev Iain Smith, Free Church (Continuing) Harris.

Ann an Dèanamaid Adhradh air an t-seachdain seo cluinnidh sibh na sailm is an leughadh a leanas:
Salm 143: 6-7 air fonn Walsall agus 's e Coinneach MacLeòid a tha os cionn na seinn agus Salm 122: 7-9 air fonn New Cambridge agus Aonghas Dòmhnallach os cionn na seinn. Chaidh na sailm a chlàradh ann an Seamanaraidh na h-Eaglaise Saoire ann an Steòrnabhagh.
Salm 23: 5-6 air fonn St David agus 's e Dòmhnall Màrtainn a tha so cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Steòrnabhaigh.

Leughadh: Ròmanaich 8: 1-39
Ceann-teagaisg: Ròmanaich 8:1

Rugadh an t-Urr Iain Mac a' Ghobhainn ann am Pabail Iarach anns an Rubha. Mus deach e a-staigh airson na ministrealachd bha e na bhùidsear. Tha Mgr Mac a' Ghobhainn pòsta le dithis mhac. Chaidh a phòsadh ris a' chiad choitheanal aige ann an 1994 far an robh e stèidhichte aig Eaglais Shaor Phartaig ann an Glaschu. Dh'fhuirich e an sin gu 2003, gus an do ghluais e gu Tasmania far an robh e na mhinistear ann an Eaglais Chlèireach cheann a deas na dùthcha. Thill e air ais dhan dùthaich seo ann an 2015 agus an uiridh fhuair e gairm bho choitheanal Eaglais Shaor Leantainneach na Hearadh. Chaidh Mgr Mac a' Ghobhainn a phòsadh ris a' choitheanal sa Chèitean 2016.

30 minutes

An t-Urr Iain Mac a' Ghobhainn

An t-Urr Iain Mac a' Ghobhainn

Broadcasts

  • Sun 30 Apr 2017 09:00
  • Sun 30 Apr 2017 15:00
  • Sun 23 Jul 2017 09:00
  • Sun 23 Jul 2017 15:00