Main content
Sorry, this episode is not currently available

An t-Urr Ùisdean Stiùbhart, Eaglais na h-Alba ann an sgìr' Ùig agus Bheàrnaraigh

Còmhla ris an Urr Ùisdean Stiùbhart, Eaglais na h-Alba ann an sgìr' Ùig agus Bheàrnaraigh. Gaelic service with Rev Hugh Stewart, Parish of Uig and Great Bernera Church of Scotland.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm is an leughadh a leanas:
Salm 25: 4-5 air fonn Evan agus 's e Iain A Moireasdan a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann an Ùige, Leòdhas.
Salm 103: 12-13 air fonn Morven agus 's e Torcuil MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Chroisbost.
Salm 24: 9-10 air fonn Stornoway agus 's e Dòmhnall MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor an Rubha.

Leughadh: Salm 122
Ceann-teagaisg Salm 122

Rugadh agus thogadh Ùisdean Stiùbhart anns an Rubha ann an Leòdhas. Mus deach e a leantainn dreuchd na ministrealachd bha Mgr Stiùbhart ag obair aig Roinn an Fhoghlaim aig Comhairle nan Eilean Siar. Nuair a bha e anns an obair seo fhuair e an cothrom coinneachadh ri daoine air feadh nan eilean agus bha seo na chuideachadh agus na thaic mhòr dha nuair a chaidh e a leantainn na dreuchd ùir aige.
Chaidh Mgr Stiùbhart a phòsadh ri coitheanal Eaglais na h-Alba an sgìr' Ùig is Bheàrnaraigh anns an Ògmhios 2008. 'S e coitheanal gu math mòr a th'ann a thaobh meud na sgìre agus àite far am faigh thu cuid de na seallaidhean as brèagha ann an Alba.

B' ann sa choitheanail seo a bha an dùsgadh bu mhotha a ghabh àite anns na h-eileanan anns na 1820s. Bha aithrisean ann gun robh mu 7000 neach a' frithealadh seirbheisean comanachaidh aig an àm sin.

Tha Mgr Stiùbhart pòsta aig Seonag Mhoireach agus tha aon bhalach aca.

30 minutes

An t-Urr Ùisdean Stiùbhart agus a theaghlach

An t-Urr Ùisdean Stiùbhart agus a theaghlach

Broadcasts

  • Sun 7 May 2017 09:00
  • Sun 7 May 2017 15:00