
An t-Urr Calum I MacLeòid, Eaglais Shaor a' Bhac
Seirbheis còmhla ris an Urr Calum I MacLeòid, Eaglais Shaor a' Bhac. A Gaelic religious service conducted by Rev Calum I MacLeod, Back Free Church.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sib na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 121: 1-3 air fonn French agus 's e Murchadh MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanalan Eaglaisean Leòdhais agus na Hearadh.
Salm 48: 13-15 air fonn St David agus 's e an t-Urr Coinneach Fearghasdan a tha os cionn na seinn agus chaidh seo a' chlà radh ann an Ionad nan Seann Daoine ann an Steòrnabhagh.
Salm 107: 28-30 air fonn Montrose agus 's e an t-Urr Raghnall Moireasdan a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais 'Crow Road' ann an Glaschu.
Leughadh: Salm 121 & 122
Ceann-teagaisg: Salm 121:1
Chaidh an t-Urramach MacLeòid a phòsadh ri coitheanal a' Bhac san Lùnastal 2010. Roimhe sin, bha e na mhinistear ann an Eaglais Shaor Bharabhais an Eilean Leòdhais.
Mus deach e steach airson na ministrealachd, bha e na mhanaidsear air Pròiseact Urras Choimhearsnachd Chalanais agus nan Geà rranan air taobh siar Leòdhais.
'S ann do dh'eilean Sgalpaigh a bhuineas Calum Iain, agus thà inig e gu bhith na Chrìosdaidh nuair a bha e trì bliadhna deug a dh'aois. Tha e fada an comainn an Urramaich Alasdair Mac a' Ghobhainn, a bha na mhinistear ann an Eaglais Shaor Sgalpaigh aig an à m, airson an taic agus an stiùireadh a thug e dha na òige.
Tha e pòsta aig Dina agus tha triùir chloinne aca, Anne Marie, Rachel Kate agus Eilidh. Nuair a gheibh e ùine dha fhèin, is toigh leis a bhith ag iasgach, a' coiseachd agus a' coimhead eunlaith.
Last on
An t-Urr Calum I MacLeòid agus a bhean

Broadcasts
- Sun 14 May 2017 09:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 14 May 2017 15:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal