
Baile Horgaboist - eachdraidh na sgìre thar 80 bliadhna
Horgabost, baile m' à raich. Sùil air ais air a' bhaile le Dòmhnall 'Shà m' Dòmhnallach. Donald MacDonald reflects on the history of his home village of Horgabost in Harris.
Bha mòran dhaoine a' fuireach anns na Bà igh air taobh an ear na Hearadh aig aon à m, ach cha robh fearainn idir aca agus bhatar a' strì ris na h-uachdarain fad ùine mhòr airson fearainn a thoirt dhaibh air an taobh an iar, taobh a' mhachaire. Cha robh na h-uachdarain airson dealachadh leis an talamh idir. Mu dheireadh ghabh Bòrd an Àiteachais os là imh cùisean agus b' ann le là mhachas là idir a chaidh an talamh a thoirt bhuapa.
Bha 80 bliadhna air an 28mh den Chèitean 2017 bho ghluais Dòmhnall Dòmhnallach agus a theaghlach às na Bà igh gu baile Horgaboist, a bha air ùr shuidheachadh. 'S e Dòmhnall am fear mu dheireadh sa bhaile aig a bheil cuimhne air tighinn chun a' mhachaire, 's gun e ach na bhalach glè òg.
Anns a' chiad phrògram de cheithir, tha Ceitidh Anna NicChoinnich a' gabhail cuairt air ais gu baile a h-à raich fhèin, baile Horgaboist, còmhla ri a nà baidh Dòmhnall Shà m, airson dealbh a thoirt air eachdraidh na sgìre agus mìneachadh fhaighinn air mar chaidh na fearainn gu lèir a roinn a-mach anns a' bhaile.
Last on
Broadcasts
- Tue 30 May 2017 12:03ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Tue 30 May 2017 22:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 4 Jun 2017 10:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Tue 13 Nov 2018 12:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Tue 13 Nov 2018 22:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 18 Nov 2018 10:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Thu 10 Mar 2022 12:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Thu 10 Mar 2022 22:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 13 Mar 2022 09:30ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
Dealbhan co-cheangailte ris a' phrògram
Dealbhan co-cheangailte ris a' phrògram Baile Horgaboist aig 80