
An t-Urr Pòl Moireach, Eaglais Shaor Cheann a' Loch
Seirbheis còmhla ris an Urr Pòl Moireach, Eaglais Shaor Cheann a' Loch. Gaelic service conducted by Rev Paul Murray, Kinloch Free Church.
Anns an t-seirbheis, cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 73: 25-26 air fonn Moravia agus 's e Iain Caimbeul a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Chrois
Salm 23: 5-6 air fonn St David agus 's e Dòmhnall Mà rtainn a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Steòrnabhaigh
Salm 16: 5-7 air fonn Evan agus 's e Aonghas MacAoidh a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Chà rlabhaigh
Leughadh: Lùcas 10: 24-42
Ceann-teagaisg: Lùcas 10: 41
Fhuair Pòl Moireach cead-searmonachaidh bho chionn ghoirid às dèidh dha na trì bliadhna mu dheireadh a chuir seachad ann an Sgoil Dhiadhaireachd Dhùn Èideann a' trèanadh airson a bhith na mhinistear san Eaglais Shaor.
'S ann à Nis ann an Eilean Leòdhais a tha Pòl agus às dèidh dha an sgoil fhà gail, chaidh e a Ghlaschu far an robh e ag ionnsachadh mu choinneamh obair ann a bhith a' stiùireadh gnìomhachas togail. Nuair a bha e deiseil, thìll e air ais a Leòdhas agus bha e ag obair aig companaidh togail athair.
Airson iomadach bliadhna bha Pòl a' faireachdainn gun robhas ga ghairm chun na ministrealachd, agus anns an t-Sultain 2014 lean e an t-slighe sin le bhith a' tòiseachadh air cùrsa ann an Sgoil Dhiadhaireachd Dhùn Èideann.
Tha Pòl pòsta aig Amanda a bhuineas don Òb sna Hearadh agus tha dithis nighean aca, Mà iri-Belle agus Eilidh Ceit. Thuige seo, chan eil mòran ùine air a bhith aig Pòl airson cur-seachadan ach a bhith a' leughadh agus a' cur seachad nas urrainn dha de dh'ùine còmhla ri theaghlach.
Last on
An t-Urr Pol Moireach còmhla ris an Urr Innes MacSuain

Broadcasts
- Sun 25 Jun 2017 09:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 25 Jun 2017 15:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 24 Sep 2017 09:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 24 Sep 2017 15:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal