
À Uibhist gu Saskatchewan
Sgeulachd eilthireachd na 1880an à Uibhist a Deas agus Beinn a' Bhadhla. Le Fred MacAmhlaigh. The emigration from Benbecula and South Uist in the 1880s. With Fred MacAulay.
Tha Canada, mar a chuala sinn na bu trà ithe air a' bhliadhna, a' comharrachadh 150 bliadhna bho chaidh Co-Chaidreachas Chanada a stèidheachadh 's mar a tha fios againn, 's iomadh Gà idheal a chaidh a-null thar na linntean, cuid dhan deòin agus cuid dhan aindeoin. Tha earrann den eachdraidh aca air a thasgadh againn a seo aig Radio nan Gà idheal.
Rinn Fred MacAmhlaigh sreath phrògraman ann a 1983 an dèidh dha clà raidhean a dhèanamh an Canada ann a 1982. Anns a' phrògram seo tha Fred a' toirt sùil air cuid den fheadhainn a dh'fhalbh à Uibhist a Deas agus Beinn a' Bhadhla sna 1880an agus a thog orra gu Saskatchewan. Tha e a' mìneachadh suidheachadh nan eilean aig an à m agus mar a dh'fhalbh a' chiad bhuidheann ann an 1883 air an SS Scandinavian, le fianais phearsanta bho leabhar-là Dhòmhnaill MhicDiarmaid bhon Àrd am Beinn a' Bhadhla a bha còmhla ris a' bhuidhinn sin, ach a bha cuideachd air a bhith thall roimhe a' coimhead ris an à ite. Tha litrichean eile cuideachd a tha ag innse cho math agus a bha cùisean thall le talamh gu leòr agus sìol dha chur, ach bha cuid eile a bha ag innse mu cion fiodh airson connadh agus taighean a thogail.
Last on
Broadcasts
- Thu 24 Aug 2017 12:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Thu 24 Aug 2017 22:10ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 27 Aug 2017 10:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal