Main content
Sorry, this episode is not currently available

Cuairt tro sgìre meadhain Earra Ghàidheil

Tha Cairistiona Nic an t-Saoir a' toirt Coinneach air turas timcheall sgìre meadhain Earra Ghàidheil. Christine Macintyre accompanies Kenny on a whistle-stop tour of Mid-Argyll.

An-diugh tha Coinneach air chuairt ann an Earra Ghàidheil còmhla ri Cairistiona Nic an t-Saoir. Tha iad a' tadhal air Caisteal Suain, air taobh a deas Loch Suain. Thathar dhen bheachd gu bheil Caisteal Suain am measg nan caistealan-cloiche as sine a tha rim faicinn air Tìr-mòr na h-Alba. Chaidh a thogail aig deireadh na 1100an, is dòcha le Suibhne, sinnsear Chlann MhicSuain.

Às an sin ruigidh iad Eaglais bheag bho na meadhan aoisean far a bheil cruinneachadh de leacan uaigh Gàidhealach agus Caibeal Chille Mhoire, beagan mhìltean deas air Caisteal Suain.

Agus tha'd cuideachd a' tadhal air Uamh Chaluim Cille. A-rèir traidisean ‘s ann an seo a stad Calum Cille airson beagan làithean air a shlighe gu tuath bho Èirinn ann an 563. www.bbc.co.uk/coinneach.

57 minutes

Last on

Thu 8 Aug 2019 21:00

Broadcasts

  • Wed 30 Aug 2017 09:00
  • Wed 30 Aug 2017 21:00
  • Thu 8 Aug 2019 09:00
  • Thu 8 Aug 2019 21:00