Main content
Sorry, this episode is not currently available

Episode 162

Blàr Hill 70 a' tighinn gu ceann 's Harry Lauder an ceann iomairt ùr airson airgead a thogail. The Battle of Hill 70 ends and Sir Harry Lauder announces a new fundraising mission.

Air an 25mh den Lùnastal 1917 chrìochnaich Blàr Hill 70. Chaill na Canèidianaich còrr air 9000 saighdear aig Hill 70 ach bhathar a' meas gun do mharbh no gun do leòn iad 25,000 saighdear Gearmailteach.

Rinn Sir Harry Lauder an t-uabhas airson airgead a thogail do charthannasan co-cheangailte ris a' Chogadh agus gu dearbha chaidh e dhan Fhraing a sheinn dha na saighdearan. Bha seo an dèidh do John, an aon leanabh a bh' aige, a bheatha a chall anns an Fhraing an latha as dèidh na Nollaig 1916. An t-seachdain seo ann a 1917 bha a Highland News ag innse gu robh e air ceann iomairt ùr eile.

Air a' là mu dheireadh dhen Lùnastal 1917 bha naidheachd mhath ann an Gazette Steòrnabhaigh bhon cheann 'Thàinig an Oràma a-null'. Air a' chiad latha dhen mhìos bha bàta air an robh an Orama air falbh à Halifax ann an Alba Nuadh. Ràinig i Liverpool mu mheadhan-oidhche air an dàrna latha deug. Bha seachdnar à sgìre Ùige Leòdhais oirre agus fhuair iad dhachaigh air fòrladh còig seachdainean, an dèidh a bhith trì bliadhna air falbh. Cluinnidh sinn bho Ghilleasbuig MacDhòmhnaill mun toileacheas a rinneadh rithe.

10 minutes

Last on

Fri 1 Sep 2017 11:50

Clip

Broadcasts

  • Thu 31 Aug 2017 21:00
  • Fri 1 Sep 2017 11:50