Main content
Sorry, this episode is not currently available

Prògram Choinnich air Dimàirt

Suidheachadh Ryanair air a mhìneachadh leis an eòlaiche-siubhail Daibhidh Byrne. The implications of Ryanair's pilot shortage with our travel expert David Byrne.

Tha Muirean Kelly ag innse dhuinn mu thubaist ann an Cathair Ceann Tulaich bho chionn ceithir fichead bliadhna, far an do chaill deichnear Èireannach am beatha ann an tèine anns an àite còmhnaidh aca. Bha na h-Èireannaich anns a' bhaile air an t-slighe air ais gu Eilean Achill 's iad air a bhith ag obair a' togail bhuntàta ann an Alba. Tha ceangal pearsanta aig Muireann ris an sgeulachd.

Thairis air na seachdainean a tha romhainn tha Coinneach a' toirt sùil tro phàipearan eachdraidheil Chaisteal Inbhir Aora. Tha an Dotair Aonghas MacCoinnich air a thaghadh fhèin a dhèanamh bho Thasglann nan Caimbeulach an t-seachdain sa agus cluinnidh sinn mu litir bho Mhairead NicLeòid à Nis gu Clèir Seanadh Earra-Ghàidheal.

Tha Niall Bartlett air ais le cunntas eile air na bha a' dol mun àm sa dhen bhliadhna ann an 1917 anns an Ruis agus an dùthaich air a slighe gu ruige Ar-a-mach an Dàmhair.

Dh'fhaodadh gum feum Ryanair suas ri £18 muillean not a phàigheadh ann an airgead-dìolaidh air sgàth gainnead pìleatan - gheibh sinn an naidheachd as ùire bhon eòlaiche-siubhail Daibhidh Byrne.

Agus tha Coinneach a' cèilidh air Bun-sgoil Whitehills ann an Farfar, far am bheil Wilma NicUalraig a' teagasg anns an Ionad Ghàidhlig ann an sgìre far nach eil mòran Gàidhlig idir, ach far a bheil pàrantan a tha fhathast deònach gun ionnsaich an cuid chloinne an cànan.

bbc.co.uk/Coinneach.

57 minutes

Last on

Tue 19 Sep 2017 21:00

Broadcasts

  • Tue 19 Sep 2017 09:00
  • Tue 19 Sep 2017 21:00