Main content
Sorry, this episode is not currently available

An t-Urr Seumas MacÃŒomhair bho 1992

2/2 Seirbheis bho 1992 còmhla ris an Urr Seumas MacÌomhair. Archive service from 1992 with Rev James MacIver.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus leughadh a leanas:

Salm 105: 1-2 air fonn St David le Iain Moireach os cionn na seinn agus Salm 119 air fonn Stroudwater leis an t-Urr Seumas MacIòmhair os cionn na seinn. Chaidh an t-seinn a chlàradh ann an Eaglais Shaor Chille Bhrìghde an Ear.

Leughadh: 1 Timòteus 4: 1-15
Ceann-teagaisg: Eòin 2: 8-13

'S ann do sgìre Thunga ann an Leòdhas a bhuineas an t-Urr MacÌomhair agus tha e na mhinistear ann an Eaglais Shaor a' Chnuic. Bha e roimhe ann an Eaglais Shaor Chille Bhrìghde an Ear ann an Glaschu. Bhon bhliadhna 2000 tha e air a bhith na phrìomh neach-clèireach do dh'Àrd-Sheanadh na h-Eaglaise Saoire. Bha e na mhodaràtor air Àrd-Sheanadh na h-Eaglaise Saoire ann an Dùn Èideann ann an 2011.

Chaidh an t-Urr MacÌomhair na òige gu Bun-sgoil Thunga agus às an sin gu Sgoil MhicNeacail, Oilthigh Ghlaschu, Oilthigh Lunnainn agus Colaiste na h-Eaglaise Saoire.

Tha e pòsta aig Donna agus tha triùir a theaghlach aca agus sianar oghaichean. Nuair a gheibh e ùine dha fhèin, bidh e ag èisteachd ri ceòl clasaigeach, a' cluich goilf agus a' leughadh.

30 minutes

Last on

Sun 24 Sep 2017 21:00

Broadcast

  • Sun 24 Sep 2017 21:00